Iomairt Eòrpach UKIP ga chur air bhog

Nigel Farage Image copyright Getty Images
Image caption Tha UKIP airson an Rìoghachd Aonaichte a tharraing a-mach às an Aonadh Eòrpach.

Bidh UKIP a' foillseachadh na h-iomairt Albannaich aca airson nan taghaidhean Eòrpach Dihaoine.

Tha dùil gum bi Ceannard a' Phartaidh, Nigel Farage, ag iomairt ann an Alba às leth thagraichean a' phàrtaidh.

Tha UKIP airson an Rìoghachd Aonaichte a tharraing a-mach às an Aonadh Eòrpach.

'S e sin prìomh theachdaireachd a' phàrtaidh, 's iad airson ìmpidh a chur air Riaghaltas na RA referendum a ghairm air a' chuspair ann an ùine ghoirid.

Thuirt am pàrtaidh gu bheil bhòt dhaibhsan na bhòt airson an AE fhàgail.

Tha iad ag ràdh gun leigeadh seo leis an RA smachd nas làidire a chur air inimreachas, riaghailtean gnìomhachais a lagachadh, agus dìon a chur air an iasgach.

Taic

Tha coltas ann, a rèir nan cunntasan-bheachd, gu bheil teachdaireachd UKIP a' còrdadh ri bhòtairean Shasainn.

Ged a tha Buill-Phàrlamaid Eòrpach aca ann an Sasainn mar-thà, Nigel Fagare nam measg, chan eil iad air mòran adhartais a dhèanamh ann an Alba gu ruige seo.

Chan eil ach sianar bhall Eòrpach a' tighinn à Alba - an-dràsta, tha dithis BhPE aig an SNP agus aig na Làbaraich, agus ball an urra aig na Tòraidhean agus na Lib-Deamaich.

Leis gu bheil na Lib-Deamaich aig ìre ìseal, tha UKIP misneachail gu bheilear comasach an seat a bhuannachadh.

Thuirt Mgr Farage ge-tà, gur e dreuchd mar BPE a chur an dàrna taobh a bhios air thoiseach air prìomh thagraiche a' phàrtaidh, Daibhidh Coburn, ma shoirbhicheas leis ann an seat fhaighinn ann an Strasbourg.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile