An do mhothaich sibh?

An do mhothaich sibh gun robh iomairt phoileataigeach a' dol?

Tha gach taobh a' dol mun cuairt a' sireadh taic an t-sluaigh agus gach duine ag ràdh gur e co-dhunadh cudromach a tha romhainn.

Chan ann air reifreann neo-eisimeileachd a tha mi a-mach air an taghadh Eòrpach.

Bidh muinntir an Aonaidh Eòrpaich - Albannaich nam measg - a' taghadh nan daoine a bhios gan riochdachadh anns a' Phàrlamaid Eòrpaich.

Aig an taghadh seo, tha Alba na roinn-phàrlamaid a chuireas sianar bhall-phàrlamaid Eòrpach don Bhruiseil agus do Strasbourg.

An-dràsta tha dithis aig an SNP, dithis aig na Làbarach agus fear aig na Tòraidhean agus aig na Lib Deamaich.

Aire

Tha na pàrtaidhean sin uile air na h-iomairtean aca a chur air bhog mar-thà - thòisich na h-Uainich an tè acasan an-diugh agus bidh UKIP a-màireach.

Bidh na daoine a thaghas sinn a-measg 751 ball anns a' Phàrlamaid Eòrpaich gu 2019.

Ach ann an Alba, tha aire a h-uile duine air na thachras nas fhaide air a' bhliadhna seo fhèin.

Cha ghabh reifreann na Sultaine a sheachnadh - tha na pàrtaidhean air sin aideachadh.

Mar sin, tha na Lib Deamaich ag ràdh nach eil ach aon cheist ro mhuinntir na h-Alba, a bheil iad airson a bhith anns an Rìoghachd Aonaichte agus an Aonadh Eòrpach, no asta?

Tha na Tòraidhean cuideachd ag iarraidh taic airson Alba anns an Rìoghachd Aonaichte - tha iad a fiù 's a' cur nam faclan "an aghaidh neo-eisimeileachd" ri taobh ainm a' phàrtaidh air a' phàipear-bhaileit.

Toradh

Chaidh ceannard nan Làbarach, Johann Lamont, às àicheadh gun innseadh toradh an taghaidh seo càil dhuinn mun bhòt air neo-eisimeileachd.

Ach tha an SNP ag ràdh gu bheil sgiopa de BPE nàiseantach agus neo-eismeileachd a dhìth gus a guth fhèin a thoirt do dh'Alba anns an Roinn Eòrpa.

Tha na Lib Deamaich airson grèim a chumail air an suidheachan aca agus tha na Tòraidhean airson 's nach tuit an cuid-san dhen bhòt barrachd na puing no dhà.

Tha na h-Uainich - aig a bheil dithis aig Holyrood - agus UKIP - aig nach eil rud sam bith ann an Alba - airson an ciad bhuill fhaighinn.

Thèid toradh an taghaidh seo a chleachdadh mar shlat-tomhais air stait an deasbad air thoiseach air bhòt na Sultaine.

Ach 's e an reifreann air neo-eisimeileachd a bheir a' bhuaidh as motha air àite na h-Alba anns an Roinn Eòrpa.