Gnìomhachasan taobh a-muigh Alba a' cur taic ris an Aonadh

Brataichean
Image caption Chaidh sgrùdadh a dhèanamh le 2,381 buill à Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, air thoiseach air an referendum air an 18mh là den t-Sultain.

Tha a' mhòr-chuid de ghnìomhachasan taobh a-muigh Alba airson 's gum fan Alba na pàirt den Rìoghachd Aonaichte, a rèir sgrùdaidh a rinneadh le Seòmraichean Malairt Bhreatainn.

Bha còrr is a dhàrna leth airson ath-leasachadh a thoirt air an t-siostam a tha a' dearbhadh na tha dùthchannan taobh a-staigh Bhreatainn a' faighinn de dh'airgead phoblach bho roinn ionmhais Bhreatainn gach bliadhna - am Barnett Formula.

Thuirt còrr is 90% nach robh an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba air buaidh a thoirt air an co-dhùnaidhean gnothachais.

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh le 2,381 buill à Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, air thoiseach air an referendum air an 18mh là den t-Sultain.

Thuirt Ceannard Sheòmraichean Malairt Bhreatainn, Iain Longworth, gu bheil ceistean rim freagairt a thaobh gnìomhachais, ge bith dè an taobh a thèid an referendum.

Thuirt an iomairt Nas Fheàrr Còmhla, a th' airson an t-Aonadh a chumail, gu bheil an sgrùdadh a' toirt slaic eile don iomairt airson neo-eisimeileachd, ach tha an SNP ag ràdh gu bheil e a' dearbhadh gum feumar bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

A rèir an sgrùdaidh, bha 85% de ghnìomhachasan ag iarraidh air Alba fuireach anns an Aonadh, le 11% ag ràdh gum bu chòir do dh'Alba a bhith neo-eisimeileach.

Nan deadh neo-eisimileachd a dhiùltadh ge-tà, thuirt 63% de chompanaidhean gum feumadh cruth-atharrachadh a thighinn air an dòigh anns a bheil dùthchannan taobh a-staigh Bhreatainn air am maoineachadh le Roinn an Ionmhais.

Am measg lorgaidhean an sgrùdaidh:

  • Thuirt cairteal de ghnìomhachasan gum bu chòir tuilleadh chumhachdan a thoirt do Holyrood nan deadh neo-eisimeileachd a dhiùltadh, agus thuirt 21% gum bu chòir nas lugha a bhith aice
  • Chan eil 63% de chompanaidhean taobh a-muigh Alba a' sùileachadh gun tigeadh cothroman ùra ri linn neo-eisimeileachd
  • Thuirt 26% gur e malairt thar nan crìochan eadar Alba is Sasainn an cunnart as motha a thigeadh le neo-eisimeileachd, le 47% ag ràdh gur e aonadh-airgid ann an Alba neo-eisimeileach as cudromaiche do an gnìomhachas
  • Tha 35% de ghnìomhachasan ag iarraidh aonadh-airgid, ma 's e agus gum bhòt Alba airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail
  • Thuirt 28% gum bu chòir a h-airgead fhèin a bhith aig Alba neo-eisimeileach, le 18% ag iarraidh a dhol dhan Euro agus 8% airson an Not a chumail taobh a-muigh aonadh-airgid
  • Thuirt 91% nach robh an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba air buaidh a thoirt air an co-dhùnaidhean gnothachais, ged a thuirt 11% de chompanaidhean gun robh an deasbad air droch bhuaidh a thoirt air ìrean-reic, an coimeas ri 5% anns an Lùnastal 2013

Tha diofar bheachdan air nochdadh san deasbad air neo-eisimeileachd na h-Alba, le mòran ghnìomhachasan mòra air mìneachadh a thoirt air a' bhuaidh a bhiodh aig neo-eisimeileachd orrasan.

Tha cuid air planaichean tuiteamais a dheasachadh gus obraichean a ghluasad nam bhòtadh Alba airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail, agus cuid eile den bheachd nach toireadh e buaidh sam bith orra, no gum biodh e na bhuannachd.

Thuirt Seòmraichean Malairt Bhreatainn, a rinn an sgrùdadh eadar 14-17mh an Giblean, gu bheilear gu tur neo-phàirteach san deasbad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile