Làbaraich a' gealltainn sabaid airson obraichean agus cothromachd

Johann NicLaomainn Image copyright PA
Image caption 'S ann air an Roinn Eòrpa a bha aire ceannard a' phàrtaidh ann an Alba, Johann NicLaomainn, 's i a' gealltainn, am measg eile, tuilleadh obraichean a chruthachadh do dhaoine òga.

Chuir am Pàrtaidh Làbarach ann an Alba an iomairt aca airson Taghadh Pàrlamaid na h-Eòrpa air bhog Dihaoine, 's iad a' gealltainn sabaid airson obraichean agus cothromachd.

'S ann air an Roinn Eòrpa a bha aire ceannard a' phàrtaidh ann an Alba, Johann NicLaomainn, 's i a' gealltainn, am measg eile, tuilleadh obraichean a chruthachadh do dhaoine òga, cuir às do chùmhnantan obrach gun uairean stèidhichte, agus smachd fhaighinn air bònusan nam bancairean.

Air thoiseach air na taghaidhean Eòrpach air an 22mh là den Chèitean, rinn i coimeas eadar an SNP agus UKIP.

Thuirt i gur e poileataigs sgaraidh, no ''the politics of division", a tha fa-near do dh'Ailig Salmond agus ceannard UKIP, Nigel Farage.

San taghadh Eòrpach mu dheireadh, bhuannaich na Làbaraich dhà a-mach às na sia seataichean a th' aig Alba sa Phàrlamaid Eòrpaich.

Tha dithis BhPE aig an SNP, agus ball an urra aig na Tòraidhean agus na Lib-Deamaich.

Co-phàirteachas

A' bruidhinn aig Colaiste Kelvin Ghlaschu, a fhuair buannachd bho mhaoineachadh Eòrpach, thuirt Ms NicLaomainn gu bheil i airson obair ann an co-phàirteachas leis an Roinn Eòrpa.

"Tha an Aonadh Eòrpach air a bhith glè chudromach do dh'Alba. Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi guthan againn san Roinn Eòrpa a sheasas airson còirichean na h-Alba," thuirt i.

A' toirt mìneachadh air iomairt a' phàrtaidh aice, thuirt ceannard a' phàrtaidh: "Tha sinn den bheachd gur ann mu obraichean a tha e, tha sinn den bheachd gur ann mu chothromachd san àite-obrach a tha e, 's ann mu bhith a' dèanamh cinnteach nach tèid brath a ghabhail air daoine a tha e.

"'S ann mu bhith a' cruthachadh chothroman eaconamach agus sòisealta do dhaoine a tha e agus tha sin co-shìnte gu mòr ri ar cuid poileataigs ann an Alba, ach 's iad sin na poileataigs dham bi sinn a' sabaid san Roinn Eòrpa cuideachd."

Ge bith ciamar a thèid toraidhean nan taghaidhean Eòrpach, thuirt Ms NicLaomainn nach bi e idir na chomharra air ciamar a thèid bhòt na referendum san t-Sultain.

Thèid iomairtean nam pàrtaidhean eile a chur air bhog san t-seachdain a tha romhainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile