Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Adams

Tha ceannard Sinn Féin, Gerry Adams, an grèim airson an dàrna là aig Poilis Èireann a Tuath, a tha ga cheasnachadh mu murt Jean McConville bho chionn còrr is 40 bliadhna. Tha gu deireadh an là an-diugh aig na poilis Mgr Adams a chuir fo chasaid, a shaoradh, air neo tuilleadh ùine iarraidh airson a cheasnachadh. Tha Mgr Adams a' dol às àicheadh gun robh gnothach aige ris a' mhurt a rinn an IRA.

Briscoe

Chaidh neach-tagraidh agus britheamh pàirt-ùine, Constance Briscoe, a cuir dhan phrìosan airson 16 mìosan. Chaidh Briscoe, a tha 56, à Clapham ann an Lunnainn, fhaighinn ciontach an-dè fo chasaid gun do dh'innis i breugan dha na poilis a bha a' rannsachadh na cùise an aghaidh na seann mhinisteir Caibineat, Chris Huhne. Chaidh Huhne e-fhèin a dhìteadh an-uiridh, an dèidh dhasan toirt air a' bhean a bh' aige, Vicky Price, puingean peanais airson dràibheadh ro luath a ghabhail às a leth.

Leeds

Chaidh gille, a tha 15 bliadhna de dh'aois, 's a tha fo chasaid mu mhurt tidsear sgoile, Ann Maguire, ann an Leeds Diluain, mu choinneimh na cùirte an sin an-diugh tro cheangal bhidio. Chaidh a chumail an grèim aig ionad tèarainte òigridh agus cha deach tagradh airson a leigeil ma sgaoil air urras. Chuir a' chùirt an treas là den t-Samhain air dòigh airson toiseach na cùirte.

Pfizer

Thuirt a' chompanaidh dhrogaichean Aimearaganach, Pfizer, gu bheil iad ag àrdachadh an tairgse airson na companaidh Breatannaich, AstraZeneca, gu £50 gach earrann. Thug Pfizer gealltanas do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun glèidh iad cosnaidhean Breatannach agus plana airson ionad-rannsachaidh ùr ann an Cambridge.

Nigeria

Chaidh 19 duine, le fios, a mharbhadh agus mòran eile a leòn ann an spreadhadh boma ann am prìomh-bhaile Nigeria, Abuja. Thachair e san aon sgìre den bhaile anns an deach 70 a mharbhadh ann an spreadhadh den aon sheòrsa bho chionn cola-deug.

Seoul

Bhuail dà thrèan ri chèile ann an Seoul ann an Coirea a Deas air an rèile fon talamh. Tha aithrisean ann gun deach còrr math is 150 duine a ghoirteachadh nuair a bhuail aon thrèan ann an cùl trèana eile a bha na tàmh aig stèisean.

Oighreachd na Pàirce

Tha Urras Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas a' coimhead ri leasachadh a-niste anns an sgìre, an dèidh do mhuinntir an àite bhòtadh - còrr is a dhà gu h-aon - airson an oighreachd a cheannach. Leigidh sin le luchd-lagha pàipearan a chur air dòigh airson an oighreachd a chur ann an làmhan an t-sluaigh air £500,000, an dèidh strì fhada ri uachdaran prìobhaideach.