Cothroman ath-nuadhachail fhathast sna h-Eileanan

Cumhachd nan tonn
Image caption Thuirt Arnie Vögler bho Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) gum faodadh an Griod sna h-Eileanan 50 megawatt eile a ghabhail le atharrachaidhean beaga.

Ghabhadh a thrì uimhir dè dhealan a chuir tro Ghriod Leòdhais agus na Hearadh nan deadh beagan leasachaidh a dhèanamh air.

Sin a chaidh a ràdh aig co-labhairt mu chumhachd ath-nuadhachail ann an Steòrnabhagh Diciadain.

Thuirt Arnie Vögler bho Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) gum faodadh an Griod sna h-Eileanan 50 megawatt eile a ghabhail le atharrachaidhean beaga.

Bheireadh an 50 megawatt a bharrachd a tha seo lùghdachadh mòr air cosgaisean gnìomhachais, agus bhrosnaicheadh e gnìomhachasan ùra.

Nochd beachd cuideachd gun gabhadh tòrr den dealain a dheadh a chruthachadh sna h-Eileanan Siar cleachdadh anns na h-Eileanan fhèin, gus an tèid càball a chur gu Tìr Mòr.

Tha SHE Transmission air a ràdh gum bi dà bhliadhna eile mus tèid tòiseachadh air càball a chur an sàs, ged a chuala co-labhairt Steòrnabhaigh gum faodadh Riaghaltas na h-Alba cùisean a ghluasad air adhart an-dràsta fhèin.

Co-labhairt

Bha còrr is 200 riochdaire bho ghnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail agus bho bhuidhnean glèidhteachais ann an Steòrnabhagh, a' beachdachadh air buaidh chumhachd ath-nuadhachail na mara air an àrainneachd.

Nochd beachd aig a' choinneimh gum faodadh luchd-poileataigs ceist càball dealain eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr fhuasgladh gu math furasta, agus gun gabhadh 50 megawatt a bharrachd de chumhachd a chruthachadh, le atharrachadh beag air a' Griod taobh a-staigh nan eilean fhèin.

Ged a bha aire na co-labhairt air buaidh chumhachd ath-nuadhachail air an àrainneachd, bhathar cuideachd a' deasbad an ceangal a thathar ag iarraidh ri Tìr Mòr agus fios nach tèid mòran de na leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail air a bheilear a' beachdachadh air adhart às aonais.

Thuirt an t-Oll. Iain Bryden bho UHI nach b' e ceist teicnigeach a bha seo idir, o chionn 's gun robh càbaill gu leòr gan cur an sàs air feadh an t-saoghail, ach gur e ceist ionmhais agus ceist phoileataigeach a bh' ann.

Thuirt e nam biodh toil phoileataigeach ann, gum faodadh a' cheist a bhith air a fuasgladh gu sgiobalta.

Tha Leòdhas agus na Hearadh a' cur 27 megawatt an sàs ann am meadhan a gheamhraidh, ach a rèir Arne Vögler bho Buidheann Rannsachaidh Chumhachd na Mara aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, dh'fhaodadh e a thrì uimhir a ghiùlain.

Leasachadh

Thuirt an t-eòlaiche air cumhachd ath-nuadhachail, Murchadh Moireach, gum biodh "neartachadh a' ghrioda ionadail" a dhìth, gu h-àraidh air an iomaill, far a bheil laigsean aig an ìre seo.

Thuirt e gum bithear cuideachd a' coimhead ri "manaidsearachd gnìomhail an lìonra" - 's e sin a bhith a' cleachdadh nan loidhnichean as èifeachdaiche.

Thuirt Mgr Moireach gun deach cuid den seo a dhèanamh ann an Arcaibh bho chionn grunn bhliadhnaichean, 's gu bheilear a-nis a' feuchainn ri leudachadh.

"Tha thìd' ann a-nis a thoirt dha na h-Eileanan an Iar.

"Chan eil seo a' toirt air falbh idir bhon fheum a th' ann airson a' chàbaill mhòir, 's e tha seo ach a' coimhead ri bhith a' cleachdadh a' chumhachd a th' againn aig an ìre seo," thuirt Mgr Moireach.

Thuirt Arne Vögler gun cosgadh e beagan an leasachadh a dhèanamh, ach nach biodh e càil coltach ri cosgais a' chàbaill.

Thuirt esan cuideachd gum biodh e na bhuannachd mhòir do ghnìomhachasan leithid muilleann a' chlò agus ionad giollachd an fheamainn, 's gun gabhadh gnìomhachasan ùra a tharraing a-steach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile