Beachdan gan sireadh mu leabharlainn
- Air fhoillseachadh
Tha beachdan mhuinntir nan Eilean Siar gan sireadh mu na leabharlainn aca.
Tha sia leabharlainn fo sgèith na comhairle, a thuilleadh air trì bhanaichean a bhios a' dol timcheall nan coimhearsnachdan.
Nochd connspaid roimhe nuair a chaidh co-dhùnadh Leabharlann Steòrnabhaigh a dhùnadh gach Diluain airson airgead a chùmhnadh.
Tha còrr air 11,000 ball aig seirbheis leabharlann nan Eilean Siar, agus chleachd iad an t-seirbheis còrr air 200,000 turas an-uiridh.
Thuirt Iain MacAmhlaigh bho Roinn Obair Shòisealta agus Choimhearsnachd na Comhairle gu bheil iad airson cluinntinn bho bhuill, bho dhaoine a b' àbhaist a bhith a' cleachdadh na seirbheis agus cuideachd bho dhaoine nach do chleachd a-riamh i.
Thèid sreath de choinneamhan a chumail air feadh nan Eilean Siar.