Taic do dh'Inbhir Nis

Dh'fhaodadh suas ri £500m a bhith air a chur ri leasachadh ann an Inbhir Nis thairis air còig bliadhna mar phàirt de stòras airson cathair-bhailtean na h-Alba.

Bhiodh e mar phàirt de phlanaichean luchd £6bn aig Caidreachas Chathair-bhailtean na h-Alba, a tha a' gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba agus na seachd cathair-bhailtean a th' anns an dùthaich.

Coinnichidh riochdairean an ath-mhìos aig fòram de Chomhairle Leasachaidh is Ghnìomhachais na h-Alba airson bruidhinn mun t-slighe air adhart.

Thuirt an ceannard dealbhachaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd, Stuart Black, gun robh na planaichean adhartach ach gun gabh an coilionadh.