Earrannan gaoithe

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Urras Oighreachd Ghabhsainn
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas am beachd dà chrann-gaoithe eile a thogail faisg air Baile an Truiseil.

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas am beachd dà chrann-gaoithe eile a thogail faisg air Baile an Truiseil agus iad an duil an t-airgead air an son a thusadh le earrannan a reic ris an t-sluagh.

Bhiodh trì crainn-gaoithe aca an uair sin agus tha an t-Urras ag ràdh gur e dòigh mhath a th' ann air airgead a thasgadh, le buannachd nas fheàrr na thigeadh à cunntas-banca.

Thuirt fear de stiùirichean an Urrais, Tormod MacThòmais, is e a' bruidhinn mu na earrannan: "Bu chaomh leinn gum biodh a' choimhearsnachd an sàs ann agus gum biodh iad na bu dlùithe ris a' phròiseict."

Bha Mgr MacThòmais ag ràdh gun cosgadh an sgeama còrr air £2m.

Tha an t-Urras an dòchas pàirt den airgead fhaighinn bhon bhanca air iasad, agus gun deigheadh iad an uair sin chun na choimhearsnachd a reic earrannan.

Thuirt Mgr MacThòmais gum bi co-dhiù riadh de 5% ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh