Càball
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Stiùir Eòrpach a dhìth air Càball

24 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

A rèir aon eòlaiche chumhachd, bu chòir dhan Aonadh Eòrpach gnothach a ghabhail ri a bhi a' cur càball-dealain eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr na h-Alba, 's dragh ann gun geàrr an Ruis na tha i a' pumpadh de ghas dhan Roinn Eòrpa.

Thàinig am moladh an cois rabhaidh bho bhall de bhuidhinn-ghnìomha a stèidhich an Riaghaltas airson pròiseact a' chàbaill a leasachadh gum faodadh gun caill na h-Eileanan cothrom air cumhachd ath-nuadhachail uile gu lèir.

Seo Aonghas Dòmhnallach.