Tuilleadh bhuidhnean Albannach air an CBI fhàgail

Postair CBI Image copyright CBI
Image caption Tha trì companaidhean agus dà bhuidhinn riaghaltais air cùl a chur ris a' bhuidhinn thar a' bheagan làithean a chaidh seachad.

Tha grunn bhuidhnean eile air tarraing a-mach à Caidreachas a' Ghnothachais agus a' Ghnìomhachais ann an Alba.

Tha seo a' tighinn an dèidh dhan bhuidhinn innse gu bheilear air clàradh le Coimisiean an Taghaidh mar bhuidheann a tha gu h-oifigeil an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Tha naoi oilthighean, Comann Lagha na h-Alba, Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba (SQA), Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) agus a' bhuidheann Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) uile air a' bhuidhinn fhàgail.

'S e an CBI a' phrìomh bhuidheann a bhios a' riochdachadh chompanaidhean mòra anns an Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Comann Lagha na h-Alba nach b' urrainn dhaibhsan, a thaobh cothromachd, fuireach anns an CBI.

Air Dicidain, thuirt Oilthighean na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Heriot-Watt gun robh iadsan air tarraing às.

Tha Oilthighean Srath Chluaidh agus Chailleannach ann an Glaschu, Oilthigh Dhùn Dèagh, Oilthigh Raibeart Gòrdain, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE), Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba (SQA) agus a' bhuidheann Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) cuideachd air a' bhuidhinn fhàgail.

Thuirt labhraiche bho Oilthigh Dhùn Dèagh: "Ged a bhios Oilthigh Dhùn Dèagh a' cumail deasbadan anns a bheil an dà thaobh den deasbad air neo-eisimeileachd na h-Alba air a riochdachadh, feumaidh sinne mar bhuidheann a bhith gur tur neo-phàirteach".

Bha Oilthighean Dhùn Èideann, Ghlaschu agus Obar Dheathain air a' bhuidheann fhàgail air an deireadh-sheachdain.

Cothromachd

Thuirt neach-labhairt bho Oilthigh Ghlaschu nach eilear a' gabhail taobh-seach-taobh anns an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Thuirt iad gum feumadh iad am ballrachd a leigeil dhiubh airson "cothromachd a chumail aig ìre".

Thuirt labhraiche bho Oilthigh Obar Dheathain nach biodh e iomchaidh dhaibh leantainn orra anns an CBI, le Oilthigh Dhùn Èideann airson a bhith "gu tur neo-phàirteach".

A thuilleadh air na h-oilthighean, tha trì companaidhean agus dà bhuidhinn riaghaltais air cùl a chur ris a' bhuidhinn thar a' bheagan làithean a chaidh seachad.

Thuirt fear-labhairt bho Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba (SQA): "Tha càirdeas-obrach èifeachdach air a bhith againn leis an CBI airson iomadach bliadhna.

"Ach, mar bhuidheann neo-phoileataigeach agus gus ar neo-phàrteachd a ghleidheil, tha sinn air co-dhùnadh ar ballrachd a leigeil seachad".

A rèir Àrd-Stiùiriche an CBI, John Cridland, cha robh roghainn eile aca ach taic a chur ris an iomairt gus Alba a chumail san Rìoghachd Aonaichte.

Argamaid

Dh'innis Mgr Cridland dhan BhBC nach eil esan den bheachd gun deach argamaid cheart eaconamach fhathast a dhèanamh airson neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Thuirt e nach eil a' bhuidheann a' feuchainn ri buaidh a thoirt air dè an taobh a bhòtas daoine anns an referendum.

Thuirt neach-labhairt bho dh'Oilthigh Ghlaschu: "Mar bhuidhinn stèidhichte, tha sinne gu tur neo-phàirteach anns an deasbad mu neo-eisimileachd na h-Alba.

"Tha sinn air beachdachadh gu cùramach air co-dhùnadh an CBI iad fhèin a chlàradh le Coimisean an Taghaidh, agus tha sinn air co-dhùnadh, gus a bhith cothromach, gum feum sinn ar ballrachd a leigeil seachad sa bhad."

Thairis air an deireadh-sheachdain, dh'fhàg Iomairt na h-Alba, VisitScotland agus a' bhuidheann chraolaidh STV an CBI.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e gu math follaiseach nach urrainn do bhuidhinn a bhuineas dhan Riaghaltas fuireach anns an CBI.

Iomairt

Le bhith a' clàradh le Coimisean an Taghaidh, bidh e ceadaichte dhan CBI suas ri £150,000 a chosg air taic a chur ris an iomairt oifigeil a thòisicheas aig deireadh na h-ath-mhìos.

Bidh 16 seachdainean de dh'iomairt ann ro là an referendum - eadar an 30mh là den Chèitean agus an 18mh là den t-Sultain - le casg air na dh'fhaodas gach taobh a chosg.

An dèidh co-dhùnadh na buidhne, dh'innis na companaidhean Albannach Aquamarine Power agus Buidheann Chùraim Balhousie gun robh iadsan cuideachd a' fàgail an CBI, a tha a' riochdachadh 240,000 gnìomhachas anns an Rìoghachd Aonaichte.

Chan eil fhios le cinnt cia mheud gnìomhachas a tha a' bhuidheann a' riochdachadh ann an Alba, ged a tha a' bhuidheann Business for Scotland air a ràdh gur e "80 ball aig a' char as motha".

Thuirt a' bhuidheann chraolaidh STV gun robh riaghaltean a thaobh neo-phàirteachd a' ciallachadh nach robh roghainn eile aca ach am ballrachd a leigeil seachad.

Thuirt Mgr Cridland gu bheil an CBI duilich gu bheil cuid den bhallrachd airson a' bhuidheann fhàgail.

Thuirt e: "Tha ball sam bith a bhith a' fàgail na adhbhar duilichinne dhomhsa. Ach tuigidh mi gu bheil farsaingeachd de bheachdan ag daoine.

"Cha do dh'atharraich càil air an deireadh-sheachdain a thaobh suidheachadh an CBI air a' chùis. An aon rud a dh'atharraich 's e gun do cho-dhùin sinne, airson adhbharan gèillidh, gun feumadh sinn clàradh gus a bhith air an taobh cheart de na riaghailtean," thuirt Mgr Cridland.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile