Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Preston Flores

Chaochail Preston Flores, an gille beag, seachd bliadhna de dh'aois, a chaidh a dhroch losgadh ann an tachartas le peatrail, a rèir choltais, ann an Obar Dheathain Dihaoine seo chaidh. Thuirt poilis gun do chaochail e ann an Ospadal Rìoghail na Cloinne ann an Dùn Èideann tràth sa mhadainn an-diugh.

Madison Horne

Thèid duine, a tha 26, mu choinneimh na cùirte ann an Dùn Phàrlain an-diugh fo chasaid mu bhàs nighean bhig ann am Fìobha. Chaidh an nighean, a bha dà bhliadhna de dh'aois, a thoirt dhan ospadal ann an Cathair Challtainn feasgar na Sàbaid, ach chaochail i an sin.

Co-op

Tha dùil gun cuir ath-sgrùdadh air an dòigh anns an do theab Banca a' Cho-op a dhol fodha coire, gu ìre mhòr, air droch stiùireadh agus air an droch bhuaidh an dèidh Buidheann Thasgaidh Bhritannia a ghabhail thairis. Tha feadhainn a bha air bòrd a' Cho-op, agus a bha cuideachd ag obair do Bhritannia, ag ràdh gu bheil mearachdan anns an ath-sgrùdadh sin.

Savile

Tha sanasan ann am pàipearan-naidheachd an là an-diugh ag innse do fheadhainn a tha ag ràdh gun tug Jimmy Savile ionnsaighean drabasta orra, dè an dòigh air an dèan iad tagradh airson airgead-dìoghlaidh. Tha còrr is 140 duine air tighinn air adhart aig an ìre seo.

Ath-Chuingean

Bidh Comataidh nan Ath-Chuingean ann am Pàrlamaid na h-Alba a' beachdachadh an-diugh air iarrtas airson stad a chur air dùnadh nan seòmraichean-stiùiridh airson na seirbeisean èiginn ann an Inbhir Nis agus ann an Obar Dheathain. Tha Riaghltas na h-Alba ag ràdh nach eil uimhir de sheòmraichean-stiùiridh a dhìth a-nis, leis gun deach seirbheisean singilte a stèidheachadh dha na poilis agus luchd-smàlaidh. Tha dà ath-chuinge air còrr is 2,500 ainm a tharraing.

Moyes

Dhealaich Manchester United ris a' mhanaidsear, Daibhidh Moyes, a ghabh àite Shir Ailig Feargasdan, bho chionn 10 mìosan. Tha United an-dràsta san t-seachdamh àite anns a' phrìomh lìog. Thug United taing do Mhoyes airson a' chuid obrach dhan chlub. Bidh Ryan Giggs os cionn na sgioba gu deireadh na seusan agus ceithir geamaichean aca air fhàgail.