RA "a' dìon pheinnseanan na h-Alba"

Gòrdan Brown Image copyright PA
Image caption Canaidh Mgr Brown, am measg rudan eile, gum bi peinnseinearan nas fheàrr dheth anns an Rìoghachd Aonaichte.

Nì Gòrdan Brown, a bha roimhe na Phrìomhaire, òraid as leth na h-iomairt "Nas Fheàrr Còmhla" ann an Glaschu oidhche Mhàirt.

Aig cridhe na h-argamaid aige, bidh peinnseanan.

A' bruidhinn aig Oilthigh Ghlaschu, canaidh Mgr Brown, am measg rudan eile, gum bi peinnseinearan nas fheàrr dheth anns an Rìoghachd Aonaichte.

Tha an SNP ag ràdh nach eil Mgr Brown ach a' feuchainn ri eagal a chur air daoine, agus gu bheil na tha e ag ràdh a' sealltainn cho beag tuigse 's a tha aige air cùisean eaconamach.

Iarraidh Gòrdan Brown air an luchd-bhòtaidh ann an Alba taghadh a dhèanamh eadar dà dhealbh den dùthaich.

Dà dhealbh

Aon dealbh fo neo-eisimeileachd, far a bheil cunnart agus mì-chinnt agus briseadh ga dhèanamh air na ceanglaichean poileataigeach eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte, agus dealbh eile far a bheil cunnartan eaconamach air an roinn a-mach eadar gach dùthaich agus sgìre gu cothromach.

A bharrachd air a bhith ag innse san fharsaingeachd nan adhbharan air a bheil e a' smaoineachadh gum biodh Alba nas fheàrr dheth mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte, bidh e a' cur cuideam sònraichte air peinnseanan.

Tha Mgr Brown ag ràdh gu bheil luchd-togail nam peinnsean air an dìon gu math nas fheàrr mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte, leis gu bheil stòras airgid na Rìoghachd air fad ri fhaotainn airson peinnseanan a phàigheadh.

Canaidh e gu bheil an àireamh de pheinnseinearan ag èirigh nas luaithe ann an Alba na sa chòrr de Bhreatainn agus gun cuireadh seo uallach, na bheachd-san, air Alba neo-eisimeileach a bhith a' pàigheadh nam peinnseanan.

Cothromachd

Canaidh e gum biodh e "ceart agus cothromach" do shluagh Bhreatainn air fad uallach a ghabhail airson peinnseanan na h-Alba a phàigheadh, mar phàirt den Rìoghachd.

Cuideachd, leis gu bheil luchd-obrach na h-Alba air a bhith a' pàigheadh àrachais nàiseanta "fad am beatha", canaidh Mgr Brown gum bu chòir sin a bhith a' cur ris na peinnseanan aca.

Tha an SNP ag ràdh ge-tà, gum biodh e na b' fhasa do dh'Alba neo-eisimeileach peinnseanan a dhìon agus a phàigheadh na bhiodh e do Bhreatainn air fad.

Thuirt Eilidh Whiteford bho Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba nach eil e ach ag aithris nan aon bheachdan 's a thàinig bho na Tòraidhean agus na Lib-Deamaich còrr is bliadhna air ais; beachdan a tha i ag ràdh a sheall cho beag eòlais 's a th' aige air gnothaichean eaconamach.

Thuirt i gum biodh Alba nas comasaiche na peinnseanan a phàigheadh na bhiodh Breatainn air fad, agus gu bheil sgrùdadh a thàinig bhon Institiud Nàiseanta airson Rannsachaidh Eaconamaich agus Shòisealta a' sealltainn nach eil càil a bharrachd uallaich air Alba a thaobh sluagh a' fàs nas sine na th' air Breatainn air fad.

Tha Ms Whiteford air brath a sgaoileadh bho Roinn na h-Obrach agus nam Peinnseanan ann an Westminster ag ràdh gu bheil iadsan a' dol a dh'fhoillseachadh an sgrùdaidh aca fhèin mu na bhiodh neo-eisimileachd a' ciallachadh a dh'aithghearr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile