Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Kelty

Tha poilis ann an Fìobha amharasach mu bhàs nighean bheag a bha dà bhliadhna de dh'aois aig taigh ann an Kelty. Chaidh na poilis a ghairm dhan taigh mu 6.30f an-dè. Chaidh an nighean a toirt dhan ospadal ann an Cathair Challtainn, ach chaochail i an sin.

Coirea

Chàin Ceann-suidhe Choirea a Deas, Park Geun-hye, sgiobair agus criutha a theich far a' bhàt'-aiseig a chaidh fodha an t-seachdain seo chaidh. Tha dearbhadh ann gun do chaill còrr is 60 duine am beatha agus tha còrr is 200 duine fhathast a dhìth. Choltaich an Ceann-suidhe ri murt na rinn an sgiobair agus cuid den chriutha.

CBI

Thuirt Àrd-Stiùiriche an CBI, an Caidreachas airson Gnothachas agus Gnìomhachas, nach deach fhathast argamaid cheart eaconomaigeach a dhèanamh airson neo-eisimeileachd do dh'Alba. Thuirt John Cridland nach eil a' bhuidheann a' feuchainn ri buaidh a thoirt air dè an taobh a bhòtas daoine anns an referendum. Bha e a' bruidhinn agus dà bhuidheann eile, Scottish Enterprise agus VisitScotland, air an CBI fhàgail an dèidh dhan CBI innse gu foirmeil gu bheil iad a' cur taic a-niste ris an iomairt airson Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e gu math follaiseach nach urrainn do bhuidheann a bhuineas dhan Riaghaltas fuireach anns an CBI. Dh'innis a' bhuidheann chraolaidh STV, Aquamarine Power agus Buidheann Chùraim Balhousie ron a seo gu bheil iad a' fàgail an CBI.

Cable

Bha tuilleadh fiosrachaidh aig Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, an-diugh mu phlana an riaghaltais airson clàr poblach ùr a dh'innseas cò dha a bhuineas, agus cò aig a bheil smachd, air companaidhean a tha clàraichte ann am Breatainn. Tha an riaghaltas den bheachd gun cuir sin stad air mòran foill agus falach airgid.

Teine

Thuirt an t-seirbheis smàlaidh ann an Leeds gun do chuir iad smachd air teine mòr aig stòr cheimigeach ann an sgìre Armley. Chaidh iarraidh air muinntir na sgìre sin dorsan agus uinneagan a chumail dùinte, agus gun a dhol a-mach mura feum iad.

Duaisean

Tha companaidh àrach-èisg às Earra-Ghàidheal agus companaidh aodaich à Eilean Bhòid am measg 10 chompanaidhean Albannach a fhuair Duais na Banrigh airson Gnìomhachas. Fhuair Loch Fyne Oysters agus Bute Fabrics duaisean airson cho mòr 's a dh'fhàs am margaidh ann an dùthchannan eile thairis air na trì bliadhna mu dheireadh.