20 eòin-chreachaidh mharbh a-nise

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, RSPB Scotland
Fo-thiotal an deilbh, Fhuaireadh na closaichean uile faisg air a chèile timcheall air Bràigh Chonainn, Alcaig is Lianaig.

Chaidh dearbhadh gu bheil an àireamh de dh'eòin-chreachaidh a chaidh fhaighinn marbh air taobh sear Rois a-nise air èirigh gu 20.

Chaidh closaichean 6 clamhain agus 14 clamhain-ghobhlach a lorg faisg air Drochaid Sguideil agus, a rèir an RSPB, sheall sgrùdadh gun deach dusan dhiubh a phuinnseanachadh.

Fhuaireadh na closaichean uile faisg air a chèile timcheall air Bràigh Chonainn, Alcaig is Lianaig.

Tha duais airgid luach £26,000 ga thabhainn airson fiosrachaidh a dhiteas duine airson na thachair.

Thuirt Leas-Cheann-Suidhe an RSPB, John Lister-Kaye, nach fhaca e cùis nas miosa na seo bho thàinig e dhan Ghàidhealtachd anns na 1960an.

Caismeachd

Fo-thiotal an deilbh, Chaidh caismeachd a chumail ann an Inbhir Nis mar ghearain an aghaidh bàs nan eun-creachaidh.

Air Disathairne seo chaidh, chaidh caismeachd a chumail ann an Inbhir Nis mar ghearain an aghaidh bàs nan eun-creachaidh.

Tha Poilis na h-Alba ag obair còmhla ris an RSPB, Dualchas Nàdair na h-Alba agus an SSPCA gus an gnothach a rannsachadh.

Faodar fiosrachadh a thoirt seachad le bhith a' cur fòn gu na Poilis air 101, Crimestoppers air 0800 555 111, no le bhith a' lìonadh foirme aig www.crimestoppers-uk.org.

B' e duais de £5,000 a chaidh fhoillseachadh leis an RSPB an toiseach, ach tha an t-sùim air èirigh mean air mhean.

Chuir buidheann de thuathanaich is uachdarain £12,000 ris; am measg nan tabhartaichean, bha Scottish Land & Estates agus NFU na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh