Boireannach ag aideachadh a ciont

Cùirt an t-Siorraim ann an Steòrnabhagh Image copyright Crown
Image caption Chuir an Siorram Daibhidh Mac an t-Sutharlanaich, binn dheth aig an ìre seo 's e a' feitheamh air aithisgean cùl-fhiosrachaidh.

Dh'aidich boireannach ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Steòrnabhagh gun do dh'adhbharaich i bàs bhoireannaich eile ri linn a bhith a' dràibheadh gun chùram.

Dh'aidich Caroline NicAoidh, aois 22 à Newmarket, gun do dhràibh i aig astar ro luath agus gun do chaill i smachd air a' chàr faisg air Steòrnabhagh air 20mh Lùnastal 2012.

Chaochail Karin Prior, 51, a bh' anns a' charbad anns an do bhuail Ms NicAoidh, ann an Ospadal nan Eilean.

Bha Ms Prior, a bha na teiripiche-gnìomhachd chloinne, a' fuireach ann an Àird Ùige, ged a b' ann à Ontario an Canada a bha i o thùs.

Chuir an Siorram Daibhidh Mac an t-Sutharlanaich, binn dheth aig an ìre seo 's e a' feitheamh air aithisgean cùl-fhiosrachaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile