Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Maria Miller

Dh'fhàg Rùnaire a' Chultair, Maria Miller, a dreuchd anns a' mhadainn an-diugh 's i ag ràdh gu bheil a' chonnspaid mu a cosgaisean pàrlamaid a' cur maill air obair an Riaghaltais. Thuirt Dàibhidh Camshron gu bheil e duilich mu na thachair, thug e taing dhi airson a cuid obrach, agus thuirt e gu bheil e an dòchas gun till i dhan Riaghaltas uaireigin. Tha na Làbaraich a' cur teagamh anns an dòigh anns an do chùm am Prìomhaire taic rithe, agus tha dùil gun tèid a cheasnachadh mun chùis ann an Taigh nan Cumantan feasgar. Dh'innis Mgr Camshron bho chionn beagan mhionaidean, gur e Sajid Javid, Ball-Pàrlamaid Bromsgrove, an Rùnaire Cultair ùr.

Prìs a' Chumhachd

Thuirt Rùnair Chumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' seachnadh taobh eile na ceiste nuair a tha iad ag ràdh gum faodadh cosgais a' chonnaidh èirigh ann an Alba neo-eisimeileach. Thuirt Mgr Ewing nach eil sgrùdadh ùr bho Riaghaltas na Co-bhanntachd idir cothromach. Thuirt Rùnaire Chumhachd na Rìoghachd Aonaichte, Ed Davey, ge-tà, gun do ghabh an rannsachadh beachd air a h-uile cosgais a dh'fhaodadh a bhith ann.

Oscar Pistorius

Thòisich luchd-casaid aig cùirt ann am Pretoria ann an Afraga a Deas a' ceasnachadh Oscar Pistorius, a tha fo chasaid gun do mhuirt e a leannan Reeva Steenkamp. Thuirt an lùth-chleasaiche Para-limpigeach gur e mearachd a rinn e. Tha Mgr Pistorius ag aideachadh gun do loisg e air Ms Steenkamp agus e den bheachd, le mearachd, gur e mèirleach a bh' innte. Ach tha e a' dol às àicheadh gun do mhuirt e i.

An t-Òban

Tha na Poilis san Òban a' rannsachadh bàs ghille 17 bliadhna de dh'aois sa bhaile. Chaidh na Poilis a ghairm gu taigh air Barraid Scalpaigh tràth anns a' mhadainn an-dè.

Farpais Chonnaidh

Thàinig dòchas à coinneimh ann an Steòrnabhagh an-raoir gun gabh farpais a bhrosnachadh ann am margaidh chonnaidh nan Eilean Siar. Gheall a' chompanaidh ola as motha san sgìre, Certas, gum fosgail iad na h-ionadan-ola aca gu companaidhean eile, ged nach mair an aonta sin cho fada 's a dh'iarradh feadhainn. Bheir Ùghdarras na Farpais agus na Margaidh beachd do Certas a-niste air na bhios dùil bhon chompanaidh.

Taic-airgid na h-Ealain

Thèid atharrachadh mòr a thoirt air an dòigh sa bheil taic-airgid ga cumail ris na h-ealain ann an Alba. Tha Alba Chruthachail air plana deich bliadhna fhoillseachadh, agus iad ag amas air siostam nas simplidhe, le gearradh mu 300 diofar dhòigh air taic-airgid fhaighinn gu dìreach trì.