"Còdan-puist an dòigh as fheàrr"

Image copyright PA
Image caption Nochd gearain gun robh an siostam a' dèanamh leth-bhreith air cuid de sgìrean a bhiodh freagarrach air an sgeama, ri linn a' chòd-phuist aca.

Bidh còdan-puist fhathast gan cleachdadh airson dearbhadh dè na sgìrean a gheibh cothrom air an sgeama gus cìsean connaidh a lùghdachadh, a rèir Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander.

Nochd gearain gu bheil àiteachan ann an leithid Loch Abar, Earra-Ghàidheal, Cataibh is Gallaibh a bu chòir a bhith anns an sgeama ach nach eil, ri linn a' chòd-phuist aca.

Thuirt Mgr Alexander nach biodh e furasta cead fhaighinn bhon Choimisean Eòrpach airson sgeama ùr, ach gun tèid sùil a thoirt air mar a tha còdan-puist gan cleachdadh.

Dh'innis Danny Alexander an-uiridh gun robh an Riaghaltas am beachd an sgeama aca airson lùghdachadh a thoirt air pris a' chonnaidh, a chuir iad air dòigh ann an eileanan an toiseach, a leudachadh gu sgìrean iomallach air tìr-mòr.

Nas èifeachdaiche

Chleachd iad còdan-puist airson co-dhùnadh cò na sgìrean a bhiodh an lùib an sgeama, ach tha cuid air sin a chàineadh.

An t-seachadain seo chaidh, thuirt an Seansalair, Seòras Osbourne, gu bheil Roinn an Ionmhais a' sireadh siostam nas èifeachdaiche, agus e air tighinn am bàrr nach robh am Blàran Odhair ann an Dùthaich MhicAoidh san sgeama air sgàth 's gu bheil e ann an sgìre phuist Inbhir Theòrsa.

A-nis, ge-tà, tha Danny Alexander ag ràdh gur e còdan-puist an dòigh as fheàrr.

Thuirt e gun toirear sùil air mar a tha iad gan cleachdadh, ach gur e còdan-puist an dòigh measaidh a chaidh aontachadh bho thùs leis a' Choimisean Eòrpach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile