Taigh na Gàidhlig a' trusadh oileanaich

Taigh na Gàidhlig Image copyright Taigh na Gàidhlig
Image caption Tha an sgeama a' toirt cothrom do dh'oileanaich àrainneachd Ghàidhlig a chruthachadh dhaibh fhèin còmhla ri oileanaich eile.

Tha oileanaich ùra gan sireadh airson Taigh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu.

Chaidh Sgeama Còmhnaidh nan Oileanach a stèidheachadh ann an 2009 gus cothrom a thoirt do dh'oileanaich a tha fileanta sa Ghàidhlig fuireach còmhla airson na bliadhna acadaimigich.

Tha an sgeama a' toirt cothrom do dh'oileanaich àrainneachd Ghàidhlig a chruthachadh dhaibh fhèin còmhla ri oileanaich eile, far an urrainn don Ghàidhlig a bhith na pàirt nàdarra ann am beatha làitheil nan oileanach.

Tha an sgeama fosgailte do dh'oileanaich sam bith aig Oilthigh Ghlaschu a tha fileanta sa chànain, a dh'aindeoin dè an cuspair a bhios iad ag ionnsachadh san Oilthigh.

Sùbailte

Thuirt Oifigear Gàidhlig Oilthigh Ghlaschu, Fiona Dunn: "Bithear am measg dhaoine òga eile aig a bheil a' chànain ... 's urrainn dhaibh a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig mar phrìomh-chànain an taighe."

A rèir àireamh nan iarrtasan, bidh Taigh na Gàidhlig a' gluasad gach bliadhna gu diofar thaighean timcheall a' bhaile.

"Tha e gu math sùbailte. Bidh sinn ag obair ann an co-bhann le residential services," thuirt Fiona.

"Bha aon bhliadhna far an robh dà flat Gàidhlig anns an aon togalach, leis gun robh mòran air cur a-staigh air a shon," thuirt i.

Buannachd

Tha Fiona den bheachd gu bheil an sgeama a' dèanamh feum a thaobh na Gàidhlig, 's thuirt i gu bheil uallach air na h-oileanaich a bhios a' gabhail pàirt anns an sgeama.

"Tha iad a' dol an sàs ann an cùmhnant còmhla rinne 's tha uallach orra a bhith a' dol an sàs ann an gnothaichean na Gàidhlig.

"Feumaidh iad a dhol an sàs ann an tachartasan; feumaidh iad na beachdan aca fhèin a chur air adhart air mar a tha iadsan am beachd ìomhaigh na Gàidhlig àrdachadh am measg oileanaich aig Oilthigh Ghlaschu.

Tha Taigh na Gàidhlig fosgailte do dh'oileanach sam bith a th' aig Oilthigh Ghlaschu mar-thà, no a tha a' tighinn a-staigh airson na ciad bhliadhna.

Fileanta

Image copyright Taigh na Gàidhlig
Image caption Tha Taigh na Gàidhlig fosgailte do dh'oileanach sam bith a th' aig Oilthigh Ghlaschu mar-thà, no a tha a' tighinn a-staigh airson na ciad bhliadhna.

Thuirt Fiona: "Feumar a bhith fileanta sa chànan oir chan e cothrom ionnsachaidh a tha seo, 's e cothrom cleachdaidh a th' ann.

"Tha sinne a' faireachdainn, thar nam bliadhnaichean, le òigridh a' tighinn dhan bhaile mhòr, fiù 's ma tha Gàidhlig aca, uaireannan tha iad buailteach a bhith a' cleachdadh na Beurla, leis na caraidean aca gu sònraichte."

Do dhuine sam bith aig a bheil ùidh san sgeama, gheibhear foirm-iarrtais air làrach-lìn na buidhne.

Feumaidh iarrtasan nan daoine a tha mar-thà san Oilithigh a bhith a-staigh ron 22mh là den Ghiblean; do sgoilearan, no do dhaoine a tha a' tighinn a-staigh dhan Oilthigh airson a' chiad turais, feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ron 16mh là den Chèitean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile