"Cunnartan susbainteach" an lùib neo-eisimeileachd

Neach-obrach Image copyright Weir Group
Image caption Tha a' bhuidheann Weir stèidhichte ann an Glaschu, le 15,000 luchd-obrach ag obair ann an roinnean mèinnireachd, ola agus gas, agus cumhachd ann an còrr is 70 dùthaich.

Dh'adhbharaicheadh neo-eisimeileachd "cunnartan susbainteach" dhan eaconamaidh, a rèir cheannard na companaidh mòire einnsinìridh, Weir Group.

Thuirt Àrd-Oifigear na buidhne, Keith Cochrane, gun robh "maitheas-beatha nam milleanan dhaoine" ann an cunnart.

Tha aithisg a chaidh fhoillseachadh leis a' chompanaidh ag ràdh gum biodh cosgaisean de £500m sa bhliadhna air companaidhean agus muinntir na h-Alba, mura biodh aonadh-airgid ann leis an Rìoghachd Aonaichte.

Tha ministearan na h-Alba a' cumail a-mach gum biodh aonadh-airgid ann às dèidh neo-eisimeileachd, ged a tha an Seansalair air ràdh nach tachair sin.

Thuirt ministearean Albannach cuideachd nach robh Weir a' sealltainn mì-chinnt mar chompanaidh.

Tha a' bhuidheann Weir, a chaidh a stèidheachadh ann an 1871, stèidhichte ann an Glaschu, le 15,000 luchd-obrach ag obair ann an roinnean mèinnireachd, ola agus gas, agus cumhachd ann an còrr is 70 dùthaich.

Tha 600 ag obair dhan chompanaidh ann an Alba.

Aithisg

Thuirt aithisg na buidhne, anns a bheil 80 duilleag, gum biodh e coltach gun tigeadh àrdachadh chìsean do chompanaidhean Albannach ri linn bhòt "bu chòir" san referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba air an 18mh là den t-Samhain.

A' bruidhinn 's e a' foillseachadh na h-aithisg, thuirt Mgr Cochrane nach deach sgrùdadh ceart a dhèanamh air an fhìrinn fhathast san deasbad mu àm ri teachd na h-Alba.

A' toirt iomradh air Pàipear Geal Riaghaltas na h-Alba, thuirt e nach eil e na iongnadh gur e beatha "làn bhuannachdan agus às aonais cunnart" a chaidh a dhealbh leis an Riaghaltas Albannach.

"Ach, feumaidh an luchd-bhòtaidh a bhith mothachail gu bheil cunnartan susbainteach dhan eaconamaidh an lùib na thathas ag iarraidh orra, mar sin a' cur maitheas-beatha nam milleanan dhaoine ann an cunnart," thuirt Mgr Cochrane.

Thuirt an t-Àrd Oifigear gu bheil "buannachdan" an lùib Alba a bhith comasach air gnothaichean a dhèanamh ann an dòigh diofraichte bhon chòrr den RA, ach gum biodh sin a' ciallachadh "cosgaisean a bharrachd do chompanaidhean a tha ag obair air feadh nan Eileanan Breatannach".

Freagairt

Mar fhreagairt don aithisg, thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney: "Tha coimeasan eadar-nàiseanta air sealltainn gu bheil roinnean saothrachaidh gu math nas motha ann an dùthchannan neo-eisimeileach a tha mun aon mheud ri Alba, an coimeas ris an RA.

"Tha na dùthchannan seo comasach air barrachd taic a thoirt do an companaidhean na tha Alba aig an ìre seo."

Thuirt Alistair Darling, a tha os cionn na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, gur e aithisg chudromach a bha seo, stèidhichte air fianais, bho aon de na companaidhean as motha an Alba, 's gun robh seo na chomharra deimhinneach gum bu chòir do dh'Alba fuireach san Rìoghachd Aonaichte.

"A-rithist, tha e soilleir bho chompanaidh a tha a' toirt cosnadh do na ceudan de dh'Albannnaich, gu bheil e math a bhith mar phàirt den RA agus gu bheil e a' cumail chosgaisean-teaghlaich sìos ann an Alba."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile