Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Liberton

Tha sgrùdadh air sàbhailteachd a' dol air adhart aig sgoiltean air feadh Dhùn Èideann an dèidh bàs nighean-sgoile, a bha 12 bliadhna de dh'aois, an-dè nuair a thuit balla orra. Bha Keane Wallis Bennett air a' chiad bhliadhna aig Àrd-sgoil Liberton. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gum bi rannsachadh mionaideach ann. Thuirt Comhairle Baile Dhùn Èideann gun deach sgrùdadh a dhèanamh air an dearbh bhalla air an dà bhliadhna mu dheireadh.

Chile

Thàinig air deichean mìltean dhaoine an dachannan fhàgail ann an Chile agus rabhadh an sin air tsunami an dèidh crith-thalmhainn mhòr air grunnd na mara anns a' Chuan Shèimh. Ràinig a' chrith-thalmhainn 8.2 air Clàr Richter. Tha aithrisean ann gun deach còignear a mharbhadh.

Mailèisia

Thuirt ceannard nam poileas ann am Mailèisia nach eil duine den luchd-siubhail air a' phlèan a chaidh a dhìth fo amharas aca. Tha an rannsachadh airson sprùilleadh bhon phlèan a' dol air adhart ann an ceann a deas a' Chuain Ìnnseanaich, far a bheil iad a' smaoineachadh a thuit an t-itealan, le 239 duine air bòrd, bho chionn còrr is trì seachdainnean.

Ola agus gas

Tha aithisg ùr ag ràdh gum feum na billeanan not a ghearradh à cosgaisean gnìomhachas ola agus gas a' Chuain a Tuath, mus tèid aca air farpais anns a' mhargaidh eadar-nàiseanta. Tha companaidh sheirbheisean proifeasanta, PWC, ag ràdh gum feum companaidhean tuilleadh obrach a dhèanamh còmhla gus am faigh iad a' bhuannachd as fheàrr à stòras ola is gas na sgìre, air an 40 bliadhna ri tighinn.

MOD

Tha fear de chomhairlichean Uibhist, Dòmhnall Manford, a' cumail a-mach gun robh làn fhios aig Ministrealachd an Dìon gun robh iad a' dol a chur an sàs ràdar air nach toireadh tuathan-gaoithe buaidh, nuair a chuir iad an-aghaidh tuath-gaoithe ann an Uibhist a Tuath. An dèidh tagradh an MOD, ghairm Riaghaltas na h-Alba iarrtas Uibhist a Tuath a-steach agus tha dàil air an sgeama sin fhathast.

Gandalf

Tha am preachan (vulture) a theich à ionad eòin-chreachaidh ann an Comair nan Allt bho chionn 10 là air tighinn am follais ann an Ìle. Cha robh sgeul air Gandalf gus am faca tuathanach ann an Ìle i. Chuir esan an uair sin fios air eòlaiche anns an sgìre sin, a fhuair grèim orra, agus tha i a-nis, a rèir choltais, air a slighe dhachaigh a Chomair nan Allt. Cha robh dad ceàrr air an eun ach gun robh an t-acras orra.