Tuilleadh chlosaichean eun-chreachaidh

Clamhan gobhlach Image copyright Steve Mackay
Image caption Chaidh closaichean nan clamhan agus nan clamhan-gobhlach a lorg san sgìre mu Dhrochaid Sguideil agus am Blàr Dubh.

Dh'èirich an àireamh de dh'eòin-chreachaidh a chaidh fhaighinn marbh air taobh sear Rois gu 16.

Chaidh closaichean nan clamhan agus nan clamhan-gobhlach a lorg san sgìre mu Dhrochaid Sguideil agus am Blàr Dubh.

Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil deuchainnean air dearbhadh gun deach na h-eòin a phuinnseanachadh.

Chaidh ceithir clamhain agus 12 chlamhan-gobhlach fhaighinn marbh ann an diofar àiteachan, uile dlùth dha chèile, on 18mh là den Mhàirt.

Dh'innis Comann Rioghail Dìon nan Eun (RSPB) gun toir iad duais de £5,000 do dhuine a bheir seachad fiosrachadh a dhiteas duine.

Tha seo a' tighinn agus aithisg ùr air innse gun tàinig dùblachadh air an àireamh de dh'eòin-chreachaidh a chaidh a phuinnseanachadh gu mì-laghail ann an Alba an-uiridh.

A rèir fhigearan bho bhuidhinn 'PAW Scotland', a bhios a' sabaid an aghaidh eucoir fiadh-bheatha ann an Alba, chaidh sia eòin a phuinnseanachadh gu mì-laghail an-uiridh, trì a bharrachd na 2012.

Tha na h-àireamhan air fad gu math nas ìsle na an 30 eun a chaidh a phuinnseanachadh gu mì-laghail ann an 2009.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile