Sgeama pìleat Mhalaig a' tighinn gu crìch

Loch Baghasdail Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha iarrtas an Uibhist a Deas airson na seirbheis gach là fad na bliadhna.

Thig a' chiad earrainn den t-seirbheis aiseig phìleat eadar Loch Baghasdail agus Malaig gu ceann Dimàirt.

Bidh an sgeama a' tomhais dè an t-iarrtas a th' ann airson na seirbheis, thairis air trì bliadhna.

Ach 's ann tron Gheamhradh a-mhàin a tha an sgeama pìleat a' dol, agus thug an droch shìde buaidh mhòr air.

Choilean CalMac beagan nas lugha na an dàrna leth de na seòlaidhean a bh' air a' chlàr-ama airson na slighe eadar 12mh an t-Samhain agus deireadh a' Mhàirt.

Bha còir gun robh 122 seòladh ann thar na h-ùine sin, ach cha robh ach 65 seòlaidhean.

Anns an Dùbhlachd bha cha-mhòr trì seachdainnean ann gun aiseag eadar an dà phort.

Tha iarrtas ann an Uibhist a Deas airson aiseig gach là eadar Loch Baghasdail agus Malaig gach là fad na bliadhna.

Thuirt neach-labhairt bho Chomhdhail Alba nach gabhadh an sgeama pìleat a ruith thar an t-Samhraidh air sàilleabh cion bhàtaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile