Eòin-chreachaidh air am puinnseanachadh

Published
image copyrightSteve Mackay
image captionChaidh closaichean nan clamhan agus nan clamhan-gobhlach a lorg san sgìre mu Dhrochaid Sguideil agus am Blàr Dubh.

Dh'èirich an àireamh de dh'eòin-chreachaidh a chaidh fhaighinn marbh air taobh sear Rois gu 13.

Chaidh closaichean nan clamhan agus nan clamhan-gobhlach a lorg san sgìre mu Dhrochaid Sguideil agus am Blàr Dubh.

Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil deuchainnean air dearbhadh gun deach na h-eòin a phuinnseanachadh.

Chaidh ceithir clamhain agus naoi chlamhain ghobhlach fhaighinn marbh ann an diofar àiteachan, uile dlùth dha chèile, on 18mh là den Mhàirt.

Tha seo a' tighinn agus aithisg ùr air innse gun tàinig dùblachadh air an àireamh de dh'eòin-chreachaidh a chaidh a phuinnseanachadh gu mì-laghail ann an Alba an-uiridh.

A rèir figearan bho bhuidheann 'PAW Scotland', a bhios a' sabaid an aghaidh eucoir fiadh-bheatha ann an Alba, chaidh sia eòin a phuinnseanachadh gu mì-laghail an-uiridh, trì a bharrachd na 2012.

Tha na h-àireamhan air fad gu math nas ìsle na an 30 eun a chaidh a phuinnseanachadh gu mì-laghail ann an 2009.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh