Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Lib-Deamaich

Thuirt ceannard nan Libearalach Deamocratach an Alba, Uilleam Rennie, gu bheil deagh choltas ann gum faodadh Alba bhòtadh airson neo-eisimeileachd. Thuirt Mgr Rennie, ann an agallamh leis a' BhBC ro cho-labhairt Lib-Deam na h-Alba ann an Obar Dheathain, gu bheil teansa ann gum bhòt Alba airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail anns an referendum anns an t-Sultain, agus gur ann air an adhbhar sin, thuirt e, a tha e cudromach gealltanas tarraingeach a thoirt dhan t-sluagh airson fuireach anns an Aonadh.

Mailèisia

Tha an rannsachadh airson a' phlèana à Mailèisia a' gluasad gu sgìre eile agus oifigich Astràilianach ag ràdh a-niste gur dòcha nach do shiubhail i cho buileach cho fada deas 's a bha iad den bheachd. Tha an rannsachadh stèidhichte a-niste mu 700 mìle an ear-thuath air a' chiad àite sa Chuan Innseannach san robh iad a' coimhead airson a' phlèana, a chaidh a dhìth bho chionn trì seachdainnean.

Cìs nan Seòmraichean-Cadail

Tha rannsachadh a rinn am BBC a' togail cheistean mu bhuaidh an atharrachaidh a thug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air sochairean taigheadais, nuair a chuir iad cìs air seòmraichean-leapa bho chionn bliadhna. Bha an Riaghaltas a' cumail a-mach gun saoradh a' chìs sin taighean nach robh làn agus gun cùmhnadh e £1m gach là do luchd-pàighidh nan cìsean. Ach tha na figearan a fhuair am BBC ag ràdh nach do ghluais às na dachannan ach mu shia duine anns gach ceud.

Loidhne-rèile

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, ann an Inbhir Nis an-diugh ag ainmeachadh taic-airgid airson leasachadh air an loidhne-rèile eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain. Tha Mgr Salmond a' coinneachadh ri riochdairean Network Rail agus Scotrail an-dràsta. Tha luchd-iomairt air a bhith ag iarraidh leasachaidh bho chionn ùine, agus tha cuid a' moladh seirbheisean trèana dealain mar dhòigh air ùine na slighe a ghiorrachadh.

Camarathan an A9

Thèid tòiseachadh an ath-sheachdain a' cur siostam camara an sàs air rathad an A9 airson smachd a chur air astar. Bidh a' chiad phàirt den sgeama air an earrainn den rathad eadar Inbhir Nis agus Peairt. Tha iomairt ann an aghaidh nan camarathan, agus buidhnean de luchd-gnothaich ag ràdh gum biodh e na b'fheàrr leigeil le làraidhean mòra barrachd astair a dhèanamh mar dhòigh air an rathad a dhèanamh nas sàbhailte.

Co-op na Hearadh

Chuir muinntir cheann a tuath na Hearadh taic làidir ri tuilleadh chòmhraidhean ris a' Cho-op mu bùth ùr air an Tairbeart. Chaidh bhòt mun chùis a chur air dòigh agus dragh air cuid mun bhuaidh a dh'fhaodadh bùth ùr a thoirt air gnìomhachasan eile san sgìre. Chuir còrr is an dàrna trian de na bhòt taic ri tuilleadh chòmhraidhean, le ceathrar anns gach còignear de mhuinntir na coimhearsnachd a' gabhail pàirt anns a' bhòt.