Mèirle le gunna an Inbhir Nis ga rannsachadh

Air fhoillseachadh
tùs an deilbhNorthpix
fo-thiotal an deilbhNochd an duine ann am bùth Paddy Power ann an sgìre Queensgate timcheall air 09.30m Didòmhnaich.

Tha na poilis ann an Inbhir Nis a' rannsachadh mèirle le gunna a chaidh a dhèanamh aig bùth gheall sa bhaile.

Nochd an duine ann am bùth Paddy Power ann an sgìre Queensgate timcheall air 09.30m Didòmhnaich.

Thathas a' tuigsinn gun robh gunna-làimhe aige agus e a' bagairt air luchd-obrach.

Thèich e le na mìltean notaichean.

Chaidh am mèirleach fhaicinn às dèidh làimh a' dol tarsainn Sràid na h-Eaglaise agus Drochaid Sràid Greig, mus deach e fo Dhrochaid Friars.

Aodach

Thuirt na poilis gun robh an duine geal agus mu shia troighean de dh'àirde.

Dh'atharraich e aodach dà thuras às dèidh a' bhùth fhàgail.

An toiseach, bha seacaid bhombair dhubha air, le geansaidh soilleir-ghorm, balaclava dubh, briogais chargu dhubh agus brògan dubha.

Stad e greiseag airson geansaidh dearg is dubh agus ad dhubh a chur air, agus às dèidh greis eile chuir e air lèine-t dhorcha agus seann jeans dhubh.

Bha poca mòr dubh aige na làimh.

Thuirt na poilis nach deach duine a ghoirteachadh, agus tha iad ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh brath a chur thuca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh