Obair gus tòiseachadh air camarathan an A9

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tha iomairt mhòr air a bhith a' dol an aghaidh nan camarathan, agus daoine den bheachd nach dèan iad feum.

Tòisichidh obair an t-seachdain seo gus camarathan ùra a chur air an A9.

Bidh na camarathan a' tomhas an astair choitchinn aig a bheil càr a' siubhal agus thèid an cur an sàs an toiseach air a' chuibhreann den rathad eadar Inbhir Nis is Peairt.

'S e an A9 an dàrna rathad ann an Alba far am bi camarathan airson astar coithcheann a thomhas.

Tòisichidh an obair Diluain agus tha dùil gum mair i ceithir mìosan.

Thuirt oifigearan còmhdail gun tèid slighean den rathad a dhùnadh aig amannan agus gun tèid solais a chleachdadh, ach chan eil dùil aca gum bi maill mhòr air trafaig.

Tha na camarathan ùra nam pàirt de phlana ùr gus an A9 a dhèanamh nas sàbhailte.

Tha cuid air na planaichean a chàineadh ge-tà.

Tha a' bhuidheann A9 Average Speed Cameras Are Not the Answer air a bhith ag iarraidh air an Riaghaltas dèiligeadh ri mar a tha daoine a' dol seachad air carbadan aig droch amannan.

Tha cuid eile a' cumail a-mach gum bu chòir an casg-astair air pìosan den rathad a chur suas, 's iad a' cumail a-mach gur e cho slaodach 's a tha cuid de charbadan a' dol air an rathad a tha ag adhbhrachadh cuid de na tubaistean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh