Chan eil gearraidhean obrach seasmhach

Cònaichean rathaid
Image caption Tha dà chomhairle ann an Siorrachd Àir an impis roinnean nan rathaidean aca a chur còmhla.

Feumaidh comhairlean tuilleadh a dhèanamh gus airgead a shàbhaladh, a bharrachd air a bhith a' gearradh àireamhan luchd-obrach, a rèir Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba.

Thuirt a' bhuidheann gum feum comhairlean sàbhalaidhean mòra a dhèanamh anns na beagan bhliadhnaichean ri thighinn.

A rèir aithisg na buidhne, a thug sùil air ùghdarrasan ionadail ann an 2014 gu ruige seo, tha a' mhòr-chuid de shàbalaidhean a rinn comhairlean air tighinn bho a bhith a' gearradh obraichean,

Ach tha iad ag ràdh, mar dhòigh air airgead a shàbhaladh, nach eil sin idir seasmhach.

Tuiteam

Tha an-diugh 25,000 nas lugha de luchd-obrach aig comhairlean na h-Alba na bh' ann an 2009 - a' tuiteam bho 228,300 gu 204,500.

Tha cosgaisean luchd-obrach a' ruighinn co-dhiù £6bn gach bliadhna.

Le sàbhalaidhean mòra fhathast a dhìth, tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba a' toirt seachad rabhadh gum fàs co-dhùnaidhean gu math nas duilghe.

Leis gu bheil an àireamh de sheann dhaoine san t-sluagh a' fàs, tha sin, a rèir coltais, a' fàgail iarrtas a bharrachd air seirbheisean poblach.

Thuirt a' bhuidheann sgrùdaidh gum bu chòir do chomhairlean sùil as ùr a thoirt air na seirbheisean a tha iad a' tabhainn, agus an dòigh as èifeachdaiche air sin a dhèanamh.

Atharrachaidhean

Tha cuid a' cumail a-mach nach eil sgeamaichean raidigeach airson cosgaisean a' lùghdachadh tric a' tighinn gu buil, leithid sgeama a bha a' moladh gun obraicheadh comhairlean Taobh Siar na h-Alba nas dlùithe còmhla.

Ach tha cuid de dh'atharrachaidhean air a bhith soirbheachail - tha dà chomhairle ann an Siorrachd Àir an impis roinnean nan rathaidean aca a chur còmhla.

Nochd an aithisg cuideachd gu bheil stiùireadh làidir a dhìth, an dà chuid aig ìrean poileataigeach agus rianachd.

Rinn a' bhuidheann a tha a' riochdachadh nan ùghdarrasan ionadail, COSLA, càineadh air an aithisg, ag ràdh gun robh molaidhean na h-aithisg aithnichte mar-thà agus nach robh mòran susbaint ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile