Dàrna leth de choithional Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh airson fàgail

Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh
Image caption Tha mòran anns a' choithional nach eil deònach feitheamh gus am faic iad dè thachras a thaobh seasamh na h-Eaglaise air ministearan gèidh.

Tha mu dhàrna leth den choithional ann an Àrd-Eaglais na h-Alba ann an Steòrnabhagh ag iarraidh an eaglais fhàgail ri linn an deasbaid mu mhinistearan gèidh.

Chaidh coinneamh a chumail sa bhaile oidhche Chiadain, far an do choinnich an coithional ri Clèir Leòdhais agus ri oifigich na h-Eaglaise à Dùn Èideann gus deasbad a dhèanamh mun chùis.

Chaidh dà bhòt a chumail an-uiridh anns a' choithional airson tomhas cò a bha airson fuireach anns an eaglais agus cò a bh' airson falbh, air sgàth seasamh na h-Eaglaise air ministearan gèidh.

Bhòt mòr-chuid airson falbh anns gabh bhòt.

Thuirt Clàrc an t-Sèisein, Crìsdean Màrtainn, a tha am measg an fheadhainn a th' airson fàgail, gun deach a dheànamh soilleir nach tèid aca air an togalach fhèin a chumail nam fàgadh iad, agus gun gabhadh iad ris an sin.

Facal an Tighearna

A rèir coltais, tha mòran anns a' choithional nach eil deònach feitheamh gus am faic iad dè thachras a thaobh seasamh na h-Eaglaise air ministearan gèidh anns an dà bhliadhna a tha romhainn.

"Bho thòisich an rud ann an 2009, chan eil sinne a' faicinn gu bheil an Eaglais air a thighinn air ais idir idir gu facal an Tighearna.

"Tha fhios againn gum feum sinn a bhith a' gabhail ri gach duine mar a tha e ann an sùilean Dhè, ach tha nithean gu math sìmplidh agus soilleir dhuinn ann am facal an Tighearna, agus chan eil an Eaglais a' leantainn na nithean a tha sin," thuirt Mgr Màrtainn.

Thuirt Eaglais na h-Alba gu bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh gus toirt air daoine a tha am beachd fàgail fuireach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile