Poileataigs dhan mhòr-shluagh

Johann NicLaomainn Image copyright PA
Image caption Thuirt ceannard Albannach a' phàrtaidh, Johann NicLaomainn, gum b' iad na Làbaraich a-mhàin a bheireadh taic do na daoine as bochda.

Bhòt Pàrtaidh Làbarach na h-Alba gu h-aona-ghuthach gus an tuilleadh chumachdan a thoirt dhan phàrlamaid Albannaich, ma bhòtas daoine an aghaidh neo-eisimeileachd.

Chruinnich am pàrtaidh ann am Peairt air an deireadh-sheachdain airson a' cho-labhairt Albannaich mu dheireadh aca ro referendum na Sultain air neo-eisimeileachd.

Thuirt ceannard Albannach a' phàrtaidh, Johann NicLaomainn, gum b' iad na Làbaraich a-mhàin a bheireadh taic do na daoine as bochda.

Chan e bliadhna àbhaisteach a tha seo ann am beatha phoileataigeach na h-Alba.

Chruinnich am Pàrtaidh Làbarach ann am Peairt 's gun ach sia mìosan ri dhol mus cuir Alba roimpe am bu chòir dhi bhith na dùthaich neo-eisimeileach.

Nas Fheàrr Còmhla

Image caption Gheall Mgr Miliband gun deigheadh cumhachdan cìse ùra a thoirt do Holyrood ma tha esan na Phrìomhaire às dèidh taghadh na h-ath-bhliadhna.

Tha miann Ed Miliband a bhith na Phrìomhaire gu mòr an crochadh air toradh na bhòt sin, ach anns an òraid aige Dihaoine, bha aire air a' bhuaidh a bheireadh neo-eisimeileachd air daoine eile.

"Ann an 180 là, bhòtaidh Albannaich mu àm ri teachd na dùthcha. Ach an rud air a bheil fios againn uile san rùm seo, agus air a bheil fios againn uile sa Phàrtaidh Làbaraich, 's e gu bheil sinn nas fheàrr còmhla," thuirt e.

Gheall ceannard nan Làbarach gun deigheadh cumhachdan cìse ùra a thoirt do Holyrood ma tha esan na Phrìomhaire às dèidh taghadh na h-ath-bhliadhna.

Thug e rabhadh mun chall a dhèanadh neo-eisimeileachd air an dùthaich, ag ràdh nach biodh ann ach "rèis chun a' bhuinn" eadar Alba agus Sasainn.

Gheall Mgr Miliband gur e riaghaltas Làbarach ann an Westminster agus Holyrood a bheireadh soirbheachas do Bhreatainn agus do dh'Alba.

Am Pàipear Dearg

Aig a' cho-labhairt, dh'fhoillsich Leas-Cheannard Phàrtaidh Làbarach na h-Alba, Anas Sarwar, plana far a bheil na Làbaraich a' mìneachadh carson a bu chòir dhan luchd-taic acasan taic a chur ris an Aonadh.

Chaidh am Pàipear Dearg, mar a th' aig na Làbaraich air, fhoillseachadh mar fhreagairt do Phàipear Geal an SNP.

Anns an òraid aice-se Disathairne, bha cothrom aig ceannard nan Làbarach an Alba, Johann NicLaomainn a dhol ceum na b' fhaide, ag ràdh gum b' iad na Làbaraich a-mhàin a bheireadh taic do na daoine as bochda.

"Nach toir sinn ceartas sòisealta air ais do dh'Alba; ceartas sòisealta mar a dh'aithnicheas sinne e. Poileataigs dhan mhòr-shluagh, 's chan ann dhan mhion-shluagh," thuirt i.

Thuirt i gun toireadh na Làbaraich cumhachdan ùra do Holyrood airson Alba a dhèanamh nas cothromaiche.

Shamhlaich i riaghaltas an SNP ri na Tòraidhean, ag ràdh nach deach aca idir air co-ionnanachd a bhrosnachadh.

A dh'aindeoin seachd bliadhna de chothrom, thuirt i nach do sgaoil iad saibhreas eadar daoine beartach agus daoine bochda gu cothromach, agus gur e "Osborne Max" a th' ann an riaghaltas an SNP.

"Tha mise ag iarraidh Pàrlamaid Albannach a tha làidir, na dhachaigh do riaghaltas Làbarach," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile