An "ath Mhodaràtair" a' leigeil seachad a dhreuchd

An t-Urramach Aonghas Moireasdan Image copyright John Young
Image caption Thuirt an Dotair Moireasdan gur e co-dhùnadh dhuilich a bh' ann dha, ach an co-dhùnadh ceart.

Tha Eaglais na h-Alba air innse nach bi an t-Urramach Aonghas Moireasdan na Mhodaràtair am-bliadhna mar a bha dùil.

Thuirt neach-labhairt bhon Eaglais gun robh ceistean air èirigh mu a shlàinte, agus gun d' fhuair e comhairle an dreuchd a leigeil seachad.

Seo a' chiad uair a-riamh a tha a' cheist seo air èirigh san Eaglais.

Bha dùil gum biodh an t-Urr. Aonghas Moireasdan a' gabhail àite an t-Àrd-Urramaich Lorna Hood mar Mhodaràtair Eaglais na h-Alba aig an Àrd-Sheanadh sa Chèitean.

Dhearbh an Eaglais ge-tà, nach eil slàinte an Dotair Moireasdan aig ìre a leigeadh leis sin a dhèanamh.

Thuirt an Dotair Moireasdan, aig a bheil coitheanal ann an Siorrachd Pheairt, agus a bha roimhe na mhinistear ann an Eaglais an Naoimh Chaluim Cille ann an Steòrnabhagh, gur e co-dhùnadh dhuilich a bh' ann dha, ach an co-dhùnadh ceart.

Tha e an-dràsta a' faighinn leigheas meidigeach agus dùil gun tèid e fo obair-lannsa.

Coinnichidh a' chomataidh a bhios a' taghadh tagraiche airson dreuchd a' Mhodaràtair sa chola-deug a tha romhainn, 's tha dùil gun ainmich iad an ath Mhodaràtair air an dara là den Ghiblean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile