A' comharrachadh sia mìosan ron referendum

Nicola Sturgeon agus Johann NicLaomainn Image copyright PA
Image caption Le sia mìosan ri dhol ron bhòt, tha Nicola Sturgeon agus Johann NicLaomainn air a bhith a' cur am beachdan an cèill

Mhìnich ceannard nan Làbarach ann an Alba, Johann NicLaomainn, planaichean a' phàrtaidh airson barrachd chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba, ma bhòtas Alba an aghaidh neo-eisimeileachd anns an referendum.

Bhiodh iad a' gabhail a-steach barrachd smachd air a' chìs chosnaidh agus air sochairean taigheadais.

Aig a' cheart àm, thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gur e neo-eisimeileachd a-mhàin a bheireadh na cumhachdan eaconamach a tha a dhìth do dh'Alba.

Thuirt i cuideachd gu bheil cùisean a' coimhead gealltanach a-nise airson neo-eisimeileachd barrachd taic a chosnadh.

Le sia mìosan ri dhol ron referendum, bheir Ms Sturgeon seachad sia adhbharan sònraichte airson am bu chòir bhòtadh airson neo-eisimeileachd anns an referendum.

Nam measg, canaidh i gum bi barrachd obraichean ann an dùthaich neo-eisimeileach, gun tèid cìsean a chosg air na tha cudromach do dh'Alba agus gun tèid seirbheisean poblach a dhìon.

Cumhachdan

Image copyright PA
Image caption Tha cumhachd gu ìre aig Pàrlamaid na h-Alba mar-thà gus atharrachadh a thoirt air a' chìs chosnaidh.

Tha cumhachd gu ìre aig Pàrlamaid na h-Alba mar-thà gus atharrachadh a thoirt air a' chìs chosnaidh, ach chan eil buill air bhòtadh gus a chleachdadh gu ruige seo.

Bho 2016, bidh cead aig a' Phàrlamaid ann an Holyrood atharrachadh suas ri 10sg a thoirt air a' chìs chosnaidh, aig an ìre as àirde agus aig an ìre as ìsle.

Tha am Pàrtaidh Làbarach airson sin a leudachadh gus am bi smachd aig a' Phàrlamaid air a' chìs seo suas gu 15sg.

Bheireadh seo cead do bhuill, tha iad ag ràdh, an ìre as àirde den chìs àrdachadh gu 50sg san Not.

Làbaraich

Fo phlana nan Làbarach, dheadh peinnseanan agus a' mhòr-chuid de shochairean a roinn leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, agus bhiodh iad fhathast gam pàigheadh ann an co-bhann le Roinn an Ionmhais.

Ach dheadh smachd air sochairean taigheadais a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba gus cead a thoirt do bhuill dèiligeadh leis a' bhuaidh a th' aig cìs nan seòmraichean cadail, mar a chanar ris.

Bhiodh smachd air cuid de shochairean eile, do luchd-cùraim agus do dhaoine a thilleadh a dh'obair cuideachd air a ghluasad fo smachd na Pàrlamaid Albannaich.

Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ag ràdh ge-tà, gur e làn neo-eisimeileachd an aon dòigh air na cumhachdan eaconamach air a bheil feum a thoirt do dh'Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile