Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ugràin

Tha ministearan cèine an Aonaidh Eòrpaich a' coinneachadh an-dràsta a dheasbad dè seòrsa smachd-bhannan a chuireadh iad air an Ruis an dèidh do Chrimea bhòtadh airson an Ugràin fhàgail. Tha Pàrlamaid Chrimea air neo-eisimeileachd a ghairm gu h-oifigeil, agus air cead iarraidh airson a dhol fo smachd na Ruis.

Neo-eisimeileachd na h-Alba

Tha seann cheannard nan Lib-Deamach, Teàrlach Ceanadach, ag ràdh gum feum teachdaireachd nas cinntiche a bhith aig luchd-taic an Aonaidh anns an deasbad mu neo-eisimeileachd. Ann an òraid a' comharrachadh deireadh ùine mar Reachdaire air Oilthigh Ghlaschu tha Mgr Ceanadach ag ràdh gum bu chòir do na pàrtaidhean a tha a' curi taic ris an Aonadh plana airson tuilleadh fèin-riaghlaidh do dh'Alba aontachadh ron referendum anns an t-Sultain.

Coirea a Tuath

Ghabh feachdan nan Stàitean Aonaichte smachd air soitheach tancair fo bhratach Choirea a Tuath a bh' air cargo de dh'ola a ghabhail air bòrd aig port air taobh sear Libia a tha fo smachd reubaltach. Thuirt am Pentagon gun do dh'iarr an Riaghaltas ann an Libia agus ann an Cìopras taic orra.

Newarthill

Chaidh duine a chur an grèim ann an sgìre Newarthill ann an ceann a tuath Shiorrachd Lannraig fo amharas mu cheannairc. Thuirt na Poilis gun deach an duine, a tha 38 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim Dihaoine an dèidh rannsachaidh. Tha dùil ris ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Hamilton.

Na Hearadh

Tha poilis a' coimhead airson duine air nach eil sgeul an dèidh dha a bhith a-muigh a' coiseachd anns na Hearadh. Buinnidh Eideard Jackson do Phreston ann an ceann an iar-thuath Shasainn. Tha e mu 5'10" de dh'àirde le falt goirid liath, agus bha aodach air airson a' bhlàir-a-muigh. Bha e anns na Hearadh air saor-làithean, agus chaidh fhaicinn mu dheireadh air an t-slighe choise eadar Màraig agus Urgha.

Caley Thistle

Rinn ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd moladh air Caley Thistle Inbhir Nis ged a chaill iad ri Obar Dheathain an dèidh bhreaban-peanais anns a' chuairt dheireannaich de Chupa na Lìge an-dè. Thuirt Pròbhost Inbhir Nis, Ailig Greumach, gu bheil e tàmailteach nach do shoirbhich leotha, ach gum bi a' Chomhairle a' cur cuirm shònraichte air dòigh dhan sgioba a chomharrachadh na rinn iad.