Gearraidhean air buidseatan èiginneach

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Dheadh an £7.5m a dheadh a shaoradh a chur ri buidseatan eile.

Thèid moladh do Chomhairle na Gàidhealtachd Diardaoin gearradh a dhèanamh air na tha iad a' cur mu seach airson chosgaisean èiginneach.

Tha 3% de bhuidseat na Comhairle, £21.9m, an-dràsta ga thasgadh gus an gabh a chleachdadh airson dèiligeadh ri rudan mar phròiseactan a tha a' ruith air dheireadh agus fìor dhroch shìde.

Beachdaichidh comhairlichean air moladh gum bu chòir seo ìsleachadh gu 2.5%, leis an t-airgead a thèid a shaoradh, £7.5m, ga chur ri buidseatan eile.

Dheadh £4.5m dheth sin a chur ri buidseat nan seirbheisean cùraim inbheach a tha gan ruith le NHS na Gàidhealtachd airson am-bliadhna agus na h-ath-bhliadhna.

Dheadh £1m a chur ri seirbheisean do dh'inbhich le feumalachdan sònraichte, agus £1.25m ga chosg air rathaidean a chumail suas.

Dheadh £750,000 a chur ann am buidseat leasachaidh.

Thuirt Ceannard Ionmhais na Comhairle, Daibhidh Fallows, gu bheil 2.5% den bhuidseat fhathast iomchaidh airson dèiligeadh ri buaidh droch aimsire.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile