Leisgeul ga iarraidh bho Westminster

Vulcan
Image caption Ionad Deuchainn Readhactair Vulcan, air costa Ghallaibh.

Dh'iarr Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, làn-leisgeul air Sràid Downing, às dèidh mar a thàinig e am bàrr nach deach innse do mhinistearan Riaghaltas na h-Alba mu aodion rèidio-beò aig ionad deuchainn a' Chabhlaich Rìoghail, air làrach seann ionad niuclasach Dhùnrath ann an Gallaibh.

Thachair an tachartas ann an 2012.

Thuirt Mgr Salmond gun robh Riaghaltas Bhreatainn air "dìmeas" a shealltainn do Phàrlamaid na h-Alba, agus do mhuinntir na h-Alba.

Dh'innis Ministreachd an Dìon (MoD) gun do lorgadh stuth rèidio-beò a bh' air aodion a-mach às an readhactar Vulcan air an làraich san Fhaoilleach 2012.

Dh'iarr Mgr Salmond "mìneachadh sa bhad" airson an dàil a bhith ag innse do mhinistearan na h-Alba, air Daibhidh Camshron.

Cha do dh'innis Rùnaire an Dìon, Philip Hammond, do Thaigh nan Cumantan mun chùis gu an t-seachdain seo chaidh.

'Rèididheachd Lag'

Thuirt Mgr Hammond Diardaoin gum feum am bàt-aigeann niuclasach as sine sa Chabhlach Rìoghail, HMS Vanguard, connadh ùr a bhith air a chur san readhactar aice, air cosgais £120m, an dèidh mar a chaidh trioblaidean a lorg.

Thuirt e ann an Taigh nan Cumantan gun robh an obair ga dhèanamh an dèidh mar a chaidh "rèididheachd lag a lorg anns an eitean phroto-sheòrsa" aig Ionad Deuchainn an Readhactair Nèibhich ann an Dùnrath.

Thuirt e gun deach an readhactar deuchainn a dhùnadh sìos an dèidh mar a lorgadh an t-uireasbhaidh, agus gun deach fios a chur an dà chuid air Riaghladair neo-eisimeileach an Dìon Nuiclasaich, agus air Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA).

Chaidh fios a chur air Rùnaire na h-Àrainneachd ann an Alba, Ridseard Lochhead, goirid mus do dh'innis Mgr Hammond do Thaigh nan Cumantan, a rèir Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba cuideachd gun do dh'innis an MoD do SEPA gun am fiosrachadh a sgaoileadh, ach tha an MoD a' dol às àicheadh sin.

Ann an litir chun a' Phrìomhaire, thuirt Mgr Salmond: "Tha mi ag aithneachadh, a thaobh chùisean glèidhte, gum feum an riaghaltas agad roghnachadh na dh'innseas iad dhuinn, ach a thaobh chùisean a tha fo sgèith na Pàrlamaid Albannaich, tha dleastanas, gun teagamh, oirbh fiosrachadh a roinn leinne."

Thuirt Mgr Salmond gun robh e air uabhasachadh leis an naidheachd, agus gun robh Westminster air diùltadh gabhail ris a dhleastanas a thaobh conaltraidh mhath, fo Mhemorandum na Tuigse air Fèin-Riaghladh.

Image copyright PA
Image caption Thèid readhactar ùr a chur ann an HMS Vanguard às dèidh mar a chaidh an uireasbhaidh a lorg.

"Gu follaiseach, le bhith ag innse do SEPA, (ged nach do thachair sin gu deireadh an t-Samhraidh 2012) dh'aithnich an MoD gun robh na tachartasan a' toirt buaidh air gnothaichean àrainneachail, ach dh'iarr iad gu sònraichte nach deigheadh am fiosrachadh a sgaoileadh do na h-ùghdarrasan air adhbharan tèarainteachd.

"Leis nach deach feart a thoirt don Mhemorandum san dòigh seo, tha an riaghaltas agad air dìmeas a dhèanamh air Pàrlamaid na h-Alba - agus muinntir na h-Alba - a thuilleadh air pròiseasan deamocratach na Rìoghachd Aonaichte air fad.

"Mar riaghaltas, cha ghabh sinn ris an sgleò dìomhaireachd seo aig Westminster a tha ga shlaodadh thar deamocrasaidh na h-Alba, agus feumaidh tu a-niste mìneachadh a thabhainn air na thug air an riaghaltas agad leigeil le seo tachairt, leisgeul a thabhainn airson an dì-chùraim a chaidh a shealltain do phròiseasan stèidhichte, agus gealltannas a thabhainn nach tachair an leithid gu bràth tuilleadh."

Thuirt labhraiche don MoD nach deach innse do SEPA gun fiosrachadh a thoirt seachad do Riaghaltas na h-Alba.

"An dèidh dhaibh fios fhaighinn bhuainn mun t-suidheachadh, cho-dhùin SEPA fhèin gun fios a chur air ministearan Albannach, stèidhichte air am beachd mar eòlaichean nach robh a' choimhearsnachd agus an àrainneachd ionadail ann an cunnart.

"Mar a rinn sinn soilleir gu cunbhallach, 's ann mu dheidhinn a' cho-dhùnaidh gus readhactar ùr a chur ann an HMS Vanguard, 's chan ann mun ghnothach aig Dùnrath, a bha an teachdaireachd, agus riaghladairean air breithneachadh gun gabhadh an readhactar obrachadh gu sàbhailte fhathast."

Sgrìobh ministearan dùbhlannach nan Làbarach gu Comataidh Thaghte an Dìon Disathairne, ag iarraidh rannsachaidh phàrlamaidich.

"Carson a thug e cho fada mus do dh'innseadh seo don phoball, dè am fios a bh' aig an MoD, cuin a bha am fios sin aca, agus carson nach tug iad seachad e?" thuirt Rùnaire Dùbhlanach na h-Alba, Màighread Churran, 's i a' bruidhinn ris a' BhBC.

"Dè am fios a bh' aig SEPA, cuin a bha am fios sin aca, agus carson nach do sgaoil iad am fios sin? Tha ceist mu mar a tha an MoD air an giùlain fhèin, ach tha ceist an seo cuideachd mu mar a bha, is coltach, fiosrachadh aig buidheann a tha fo sgèith an Riaghaltais Albannaich, fo sgèith Ailig Salmond, nach tug iad seachad."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile