Alliance Trust a' deasachadh plana tuiteamais

Àrd-Oifigear Alliance Trust, Katherine Garrett-Cox Image copyright (C) British Broadcasting Corporation
Image caption Thuirt Katherine Garrett-Cox gu bheil an referendum ag adhbharachadh mì-chinnt do luchd-cleachdaidh Alliance Trust.

Thuirt a' chompanaidh tasgaidh Alliance Trust gu bheil iad a' tòiseachadh air companaidhean a chlàradh ann an Sasainn ron referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba.

Thuirt a' bhuidheann, a tha stèidhichte ann an Dùn Dèagh, gur e mì-chinnt mu chìsean, riaghladh an ionmhais agus dè an t-airgead a bhiodh Alba neo-eisimeileach a' cleachdadh as coireach gu bheil iad a' dèanamh sin.

Aig a' cheart àm, thuirt àrd-oifigear na companaidh àrachais Aviva nach eil gnothaich aige-san ri neo-eisimeileachd na h-Alba.

Thuirt Mark Wilson gur e gnothach a th' anns an referendum do mhuinntir na h-Alba.

Thàinig an naidheachd seo bhon chompanaidh agus iad a' foillseachadh an aithisg bhliadhnail.

Mì-chinnt

A' toirt cunntas air 2014 mar "bliadhna chudromach" do dh'Alba, thuirt a' chompanaidh gun robh an referendum ag adhbharachadh "mì-chinnt".

Thuirt Àrd-Oifigear Alliance Trust, Katherine Garrett-Cox: "An dèidh còig bliadhna de dh'obair cruaidh agus atharrachaidhean mòra aig Alliance Trust, tha sinn am-bliadhna air tòiseachadh na buannachdan fhaicinn.

"Tha an referendum san t-Sultain ag adhbharachadh mì-chinnt do ar luchd-cleachdaidh 's ar gnìomhachas, agus tha uallach oirnn dèiligeadh leis an sin," thuirt i.

Lean Ms Garrett-Cox oirre: "Ge bith dè an taobh a thèid a' bhòt, tha e deatamach gun toir sinne seachad seirbheis leantainneach a bheir dìon do an cuid seilbhean agus sàbhalaidhean.

"Gus làn mhisneachd a thoirt dhaibh, tha sinn air tòiseachadh air companaidhean ùra a chlàradh ann an Sasainn, airson sùbailteachd a thabhann a thaobh obrach agus co-obrachadh le ar gnìomhachasan ann an Alba," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile