Baileat air Oighreachd na Pàirce

Tha Urras na Pàirce ann an Leòdhas a' sireadh cead on t-sluagh airson nan cùmhnantan a chaidh aontachadh airson sealbh a ghabhail air an oighreachd.

Tha an t-Urras agus an t-uachdaran air aonta a ruighinn mun chùis, agus aig coinneimh san t-Samhain chaidh gabhail ris na bhathas a' moladh.

Ach roghnaich an t-Urras cead oifigeil a shireadh ann am baileat, seach le bhòt aig coinneimh a-mhàin.

Tha am baileat ga riaghladh le Comhairle nan Eilean Siar, agus feumaidh na bileagan bhòtaidh a bhith a-staigh ro Diardaoin an 13mh là den mhìos.