Salmond a' bruidhinn an Lunnainn

Ailig Salmond Image copyright PA
Image caption Bidh Mgr Salmond a' toirt seachad Oraid an New Statesman.

Canaidh am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, ann an Lunnainn oidhche Mhàirt gum mair ceangalaichean teaghlaich agus càirdeasan thairis air a' chrìch airson ùine fhada às dèidh do dh'Alba neo-eisimeileachd fhaighinn.

Bidh Mgr Salmond a' toirt seachad Òraid an New Statesman, far an can e gum bi sùilean an t-saoghail air Alba aig àm an referendum san t-Sultain.

Canaidh e cuideachd gur e mearachd a bh' ann dhan t-Seansalar, Seòras Osborne, a bhith a' diùltadh aonadh-airgid a stèidheachadh le Alba neo-eisimeileach, agus gun dìoladh an co-dhùnadh sin air air a' cheann thall.

Thathas an dùil gun can Mgr Salmond cuideachd nach eil Alba gu bhith na dùthaich chèin do Shasainn às dèidh neo-eisimeileachd, san aon dòigh 's nach deach muinntir na h-Èireann fhaicinn san dòigh sin nuair a chaidh Poblachd na h-Èireann a stèidheachadh.

Dambusters

Canaidh e gum mair ceanglaichean teaghlaich, eachdraidh, malairt agus cultair, ge b' e dè thachras san referendum.

"Anns na trì seachdainnean a dh'fhalbh, chunnaic muinntir na h-Alba iomadh seòrsa cliuchd bho Riaghaltas na RA - an rud air a bheil iad a' gabhail, a rèir choltais, an 'Dambusters Strategy' aca.

"Chaidh ar gaol-bhomadh air astar le Dàibhidh Camshron, 's an uair sin chaidh ar dàibh-bhomadh nas ionadaile le Seòras Osborne.

"Tha mise a' creidsinn gum faicear òraid Sheòrais Osborne air an Not o chionn trì seachdainnean - a 'shermon on the Pound' mar mhearsachd mhòr.

"Tha e na eisimpleir de na h-àitheantan bho os àird, nach eil nan neart do dhream Westminster, ach nan laigse mòr, bunaideach.

"Bidh sinne, air a' chaochladh, ag amas air bruidhinn ri muinntir Shasainn mun argamaid airson ath-leasachaidh adhartaich.

"Cha bhi Alba na dùthaich chèin an dèidh neo-eisimeileachd, càil a bharrachd na dh'fhaodadh Èirinn, Èirinn a Tuath, Sasainn no a' Cuimrigh a bhith nan dùthchannan cèine do dh'Alba.

"Tha ceanglaichean teaghlaich, càirdeil, malairteil, eachdraidheil agus cultarail eadarrainn, nach robh riamh a' crochadh air pàrlamaid an seo ann an Westminster, agus a mhaireas, 's a neartaicheas, fada às dèidh neo-eisimeileachd.

"Ach tha a' chainnt 'dambusters' seo a tha a' tighinn à Westminster an-dràsta air beachdan seann-fhasanta agus do-ghabhte a nochdadh.

"Tron phrosbaig chumhang a tha air sùilean dream Westminster, 's e a th' ann an Alba ach an dùthaich mu dheireadh ann am buidhinn de dhùthchannan co-ionnan."

'Tadhal na aghaidh fhèin'

Ach, tha feadhainn a tha an aghaidh neo-eisimeileachd ag ràdh gu bheil e ceàrr dhan Phrìomh Mhinistear gun a bhith a' cur cuideim air na cunnartan a dh'fhaodadh a bhith an lùib a' ghluasaid.

"'S e tadhal na aghaidh fhèin a th' anns an òraid seo bhon Phrìomh Mhinistear," thuirt labhraiche bhon bhuidhinn Nas Fheàrr Còmhla.

"Seach a bhith sàsaichte le bhith ag innse do gach eòlaiche no neach-fastaidh a th' ann gu bheil iad ceàrr, tha Ailig Salmond a-nis airson toirt a chreid nach do thachair cunntas-bheachd a sheall gu bheil taic do sgaradh a' tuiteam air falbh ri linn 's nach innis e dè thèid an àite an Not.

"Le cunntas-bheachd an dèidh cunntais-bheachd a' sealltainn gu bheil daoine a tha a' fuireach ann an sgìrean eile den Rìoghachd Aonaichte an aghaidh aonadh-airgid, feumaidh an SNP gabhail ris an da-rìribh.

"Seach a bhith a' gabhail ainmean agus a' toirt ionnsaigh phearsanta air na daoine a tha a' cur nan aghaidh, tha thìde aig Ailig Salmond innse do mhuinntir na h-Alba dè am Plana B a th' aige air airgead.

"An deadh sinn nar deann gus an Euro a chleachdadh, no an stèidhicheamaid airgead ùr neo-dhearbhte?

"Tha fios aig muinntir na h-Alba gu bheil am bhòt a tha seo airson an RA fhàgail na bhòt airson neart agus tèarainnteachd an Not fhàgail air an cùlaibh, le droch bhuaidh air cosgais mhorgaidsean, cunntasan càirt-chreidis, agus iasadan carbaid."