2/3 a' bhòtadh an aghaidh ainm "Rìoghail"

Colaisde Rìoghail na Gàidhlig Image copyright Mikmaq
Image caption Dh'adhbharaich atharrachadh an ainm connspaid mhòr.

Bhòt dà thrian de bhallrachd Colaisde na Gàidhlig ann an Ceap Breatainn airson cur às don fhacal "Rìoghail" ann an ainm oifigeil na colaiste.

Chaidh an t-ainm atharrachadh gu Colaisde Rìoghail na Gàidhlig anns an Dùbhlachd, ag adhbharachadh mì-thoileachais mhòir.

Thuirt bòrd-stiùiridh na colaiste gum beachdaich iad air toradh na bhòt, anns an do bhòt 70 ball - 45 airson a' mholaidh; 23 na aghaidh.

Bha am moladh ag ràdh gun robh buill "airson 's gun cuir am bòrd agus am bunaid am facal "Rìoghail" a-mach às an ainm sa bhad, 's gun innis iad gu poblach gun do rinneadh sin an taobh a-staigh 48 uairean."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile