CnES mì-thoilichte mu chasaidean nan aghaidh

Caisteal Leòdhais Image copyright David Maclennan/Geograph
Image caption Aig an ìre seo, thathas am beachd 26 seòmraichean a thogail anns a' chaisteal, le naoi dhiubh sin freagarrach airson fèin-fhrithealadh, le cidsin beag an cois nan seòmraichean.

Sgrìobh Àrd-Oifigear Chomhairle nan Eilean Siar, Calum Burr, litir làidir gu fear-gnothaich à Steòrnabhagh a rinn gearain gum faodadh planaichean na Comhairle airson Caisteal Leòdhais cur às do ghnothachasan turasachd ionadail.

Thuirt Graham MacIllFhialain gu bheil pailteas àiteachan ann mar-thà do luchd-turais a tha a' frithealadh dhaibh pèin.

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Eaconamaich na Comhairle, Joe Mac a' Phì, nach deach càil a dhaingneachadh gu h-oifigeil fhathast agus gur ann a bheireadh an Caisteal luchd-turais eadar-dhealaichte chun an eilein.

Dh'innis Mgr Mac a' Phì gu bheilear air coinneachadh ris an duine a thog na casaidean nan aghaidh agus gu bheilear airson an suidheachadh a mhìneachadh.

Gealltanas

Thuirt e gun deach gealltanas a thoirt dhan bhuidhinn ghnìomhachais gun deadh measadh buaidh eaconamaich agus measadh displacement a thoirt dhaibh mus biodh co-dhùnadh sam bith air a dhèanamh.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e cudromach gun tuig daoine nach deach co-dhùnadh sam bith a dhèanamh mun seo.

"Tha sùim airgid againn fhathast ri chruinneachadh airson an tritheamh 's an ceathramh ìre den phròiseict," thuirt Mgr Mac a' Phì.

Aig an ìre seo, thathas am beachd 26 seòmar a thogail anns a' chaisteal. Bidh naoi dhiubh sin freagarrach airson fèin-fhrithealadh, le cidsin beag an cois nan seòmraichean.

Thuirt Mgr Mac a' Phì gur iad sin na planaichean a tha a' chompanaidh air a chur fo an comhair aig an ìre seo.

Margaidheachd

An cois nam planaichean, dh'innis e mun mhargaidheachd a tha a' chompanaidh a' dèanamh air feadh an t-saoghail.

Thuirt e, mas e 's gun tig e air adhart, gum bithear a' fosgladh suas a' chothrom a bhith a' fuireach ann an Caisteal Leòdhais do mhargaidhean ùra bho air feadh an t-saoghail.

Ann am beachd na Comhairle, 's e rud fìor mhath a bhiodh an sin airson gnìomhachas na turasachd.

"Cho fad 's a chì sinn aig an ìre seo, chan eil sinn a' faicinn gun dèan aon rud cron air an rud eile," thuirt Mgr Mac a' Phì.

Nuair a chaidh sgrùdadh a dhèanamh aig fìor thoiseach na pròiseict, chaidh bruidhinn ri mòran dhaoine a bha an sàs ann an gnìomhachasan thaighean-òsta.

Chaidh innse dhan Chomhairle, nan robhar ag iarraidh àite le còig rionnagan, gum feumar togalach a bha air leth, leis fhèin.

Bacadh

"Chan eil sin buileach againn leis a' Chaisteal, ged a tha e air leth na dhòigh fhèin.

"Tha e faisg air Colaiste a' Chaisteil, 's tha e faisg air a' bhaile, 's tha rathad a' dol seachad air," dh'innis Mgr Mac a' Phì.

Eadar sin, agus gun robhar cuideachd am beachd taigh-tasgaidh agus tasglann a thogail, bha bacadh gu bhith ga chur air a bhith a' dèanamh seo a-mhàin na thaigh-òsta aig fìor àrd-ìre.

"'S e freagairt a' mhargaidh a bha daonnan anns an amhairc agus dh'fheumamaid gabhail ris an sin," dh'innis Mgr Mac a' Phì.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile