Comhairlichean a' gearain mu thuath-gaoithe
- Air fhoillseachadh

Dh'aontaich comhairlichean ann am Moireibh gun cuir iad an aghaidh plana airson tuath-gaoithe connspaideach a thogail air Mòinteach Dhamh-Ath, faisg air crìochan Pàirce Nàsieanta a' Mhonaidh Ruaidh.
'S ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd a tha an làrach.
Tha a' chompanaidh RES ag iarraidh 20 crann a chur suas iar Càrn Duthaidh, air Oighreachd Ghleann Feàrnais.
Tha luchd-iomairt ge-tà, ag ràdh gur e "milleadh àrainneachail" a bhiodh ann, seach gur ann air talamh mònadh a dheadh na crainn a thogail.
Cho-dhùin Comataidh Dealbhachaidh Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh na bu thràithe air a' mhìos gun cuireadh iadsan an aghaidh an tuath-ghaoithe cuideachd, 's iad a' dol an aghaidh moladh nan oifigearan dealbhachaidh aca gun gearain a thogail.
'S ann aig Riaghaltas na h-Alba a bhios an co-dhùnadh deireannach.