Deasbad mu ionadan seirbheis na Gàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha na planaichean seo air connspaid mhòr adhbharachadh agus comhairlichean dùbhlanach ag ràdh gur iad na sgìrean as iomallaiche as motha a dh'fhulaingeas.

Thèid co-dhùnadh a dhèanamh Diciadain co-dhiù an dùin dà thrian de na h-ionadan seirbheis ann an Roinn na Gàidhealtachd.

Gheall Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry, nach dùin na h-ionadan gus an tèid seirbheis ùr a chur nan àite.

Gheall e cuideachd nach caill gin den luchd-obrach an cosnadh an aghaidh an toil ri linn an ath-sgrùdaidh seo.

Tha comhairlichean dùbhlanach a' fàgail air a' Chomhairle ge-tà, gur iad na sgìrean as iomallaiche as motha a dh'fhulaingeas.

An-dràsta, tha 35 ionadan seirbheis a' frithealadh air coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd.

Ach, ma thèid gabhail ri plana a thèid a dheasbad Diciadain, cha bhiodh air fhàgail ach dusan dhiubh.

Iomallach

Tha oifigich a' tomhas gun deadh £160,000 sa bhliadhna a shàbhaladh, ach tha luchd-iomairt ag ràdh gur iad seann daoine agus daoine ciorramach sna sgìrean as iomallaiche as motha a dh'fhulaingeas.

Choinnich riochdairean bho Chomhairlean Coimhearsnachd cheann a deas an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse airson an iomairt aca fhèin a chur air chois.

Tha iadsan a' cur ìmpidh air comhairlichean na Gàidhealtachd gun gabhail ris na planaichean seo.

Thuirt Ruairidh Moireach, bho Chomhairle Coimhearsnachd Shlèite, gum bi call mòr anns na sgìrean as iomallaiche.

"'S e sùim glè bheag de dh'airgead a tha iad a' dol a chùmhnadh ann an coimeas ris na th' aca de dh'airgead gu lèir.

"Cha bhi ach trì ionadan clàraidh air Taobh Siar na Gàidhealtachd - fear an Ulapul, fear am Port Rìgh agus fear anns a' Ghearasdan.

"Feumaidh daoine a dhol gu pearsanta airson clàradh bàis, no bainnse, no clann a bhith aca às ùr, agus mar sin dheth, bidh slighe mhòr, mhòr aig daoine ri dhol airson an t-seirbheis sin fhaighinn," thuirt e.

Thuirt Mgr Moireach nach eil e idir soilleir dè an t-seòrsa measadh a rinn a' Chomhairle a thaobh mar a tha daoine a' cur feum air na h-ionadan seo, mus deach na molaidhean a dhèanamh.

Conaltradh

Bha comhairlichean coimhearsnachd cuideachd iomagaineach nach deach conaltradh a dhèanamh ris a' phoball.

"Thàinig seo oirnn an t-seachdain seo chaidh mar chlach às an adhair.

"An teachdaireachd a th' againn dhaibh, 's e gun gabh a' Chomhairle ris na beachdan a tha sinn a' cur a-steach agus gun cuir iad às do na molaidhean a tha seo, bhon 's e fìor dhroch rud a bhios ann do na sgìrean againne.

"Mura dèan iad sin, bu chòir dhaibh co-dhiù a thighinn a bhruidhinn ris na sgìrean 's ris na coimhearsnachdan airson faighinn a-mach dè dìreach a tha iad ag iarraidh a thaobh lìbhrigeadh seirbheisean na Comhairle," thuirt Mgr Moireach.

Thèid na planaichean a dheasbad aig coinneamh de Chomataidh Ionmhais, Taigheadais agus Ghoireasan Comhairle na Gàidhealtachd.

A' bruidhinn air thoiseach air a' choinneimh, gheall Ceannard na Comhairle, Drew Hendry, nach cailleadh gin den luchd-obrach an cosnadh an aghaidh an toil, agus nach dùineadh na h-ionadan gus an deadh seirbheisean ùra a chur nan àite.

Gheall e cuideachd gun deadh cothrom a thoirt do dhaoine a bha airson bruidhinn ri cuideigin aghaidh ri aghaidh, uair a chur air dòigh far am faodadh iad sin a dhèanamh.

Chuir Mgr Hendry dìon air na molaidhean ge-tà, ag ràdh gum faigheadh coimhearsnachdan seirbheis a bhiodh na b' èifeachdaiche agus na bu ghoireasaiche.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile