Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rebekah Brooks

Chaidh cur às do thè de na casaidean an aghaidh Rebekah Brooks a bha na h-àrd-oifigear air News International, co-cheangailte ris an sgainneal mu fharchluais fònaichean. Thug am Britheamh stiùir dhan Diùraidh gum bu chòir gum faigheadh iad neo-chiontach i air casaid gun robh i ri cuilbheart gus oifigearan poblach a phàigheadh airson sgeulachdan. Bha sin a' buntainn ri aithrisean gun do phàigh neach-naidheachd bhon Sun airson dealbhan den Phrionnsa Uilleam ann am Bikini. Tha Rebekah Brooks a' dol às àicheadh nan ceithir casaidean eile a tha fhathast na h-aghaidh.

Ugràin

Tha co-dhiù 17 duine air bàsachadh agus sabaid air tòiseachdainn a-rithist eadar luchd-togail fianais agus na feachdan tèarainneachd ann an Kiev. Tha àimhreit a' leantainn ann am prìomh bhaile na h-Ugràin a dh'aindeoin 's gun deachb fois-fòirneirt a ghairm le Ceann-suidhe na dùthcha an-raoir. Coinnichidh ministearan cèine an AE anns a' Bhruiseil an-diugh gus deasbad a chumail mu dè ghabhas dèanamh mun t-suidheachadh.

British Gas

Dh'fhoillsich British Gas gun do thuit na prothaidean aca 6% an-uiridh. Tha iad a' cur a' choire air an deagh shìde, am measg eile, airson an ìsleachaidh. Dh'fhoillsich a' chompanaidh Centrica, leis a bheil British Gas, gun tàinig ìsleachadh air na prothaidean acasan cuideachd.

Iomairt Theasairginn

Tha iomairt theasairginn mhòr a' dol an-dràsta gus lorg fhaighinn air dithis a bha a' sreap ann am beanntan a' Mhonaidh Ruaidh. Bha iad mar phàirt de bhuidhinn de cheathrar à Lunnainn a chaidh a-mach a shreap an-dè. Chuir dithis bhon bhuidhinn fios air na seirbheisean-èiginn nuair nach do nochd an dithis eile aig deireadh an là. Tha sgioba teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh an sàs anns an iomairt, còmhla ri sgioba eile agus heileacoptair bhon RAF. Thuirt iad gu bheil droch-shìde air a bhith anns an sgìre.

Obar Dheathain

Tha còrr agus 60 luchd-smàlaidh a' dèiligeadh ri teine aig taigh-bidhe faisg air an tràigh ann an Obar Dheathain. Chaidh fios a chur air na seirbheisean-èiginn gun robh teine aig Jimmy Chung's mu 04:20m an-diugh. Thathas a' tuigsinn nach robh duine sam bith anns an togalach nuair a thòisich an teine.