Seusan ùr na h-iomain

Caman
Image caption Tòisichidh an seusan ùr Disathairne 1mh am Màrt.

Tha trèanadh cruaidh is ullachadh mòr a' dol air pàircean spòrs na Gàidhealtachd is seusan ùr na h-iomain gus tòiseachadh.

'S e cruth ùr a tha air structar a' gheama le ochd sgiobannan sa Phrìomh Lìog agus ochd an uair sin ann an lìog ùr nàiseanta eile fon lìog as àirde.

Aig deireadh na bliadhna an-uiridh, cha robh ach ceithir puingean eadar na sgiobaidhean san treas is san ochdamh àite sa Phrìomh Lìog, mar sin tha an lùghdachadh bho dheich gu h-ochd a' fàgail gu bheil coltas uabhasach teann air an fharpais.

Ged a bhios a' mhòr-chuid ag amas mar sin air an àite san lìog a ghlèidheadh, 's e an fharpais a bhuannachadh 'son a' chòigeamh turais ann an sreath a tha san amharc do Bhail' Ùr an t-Slèibh.

Cha do chaill am Bail' Ùr ach aon gheama san lìog an-uiridh is sin aig deireadh an t-seusain is an tiotal mar thà aca.

Cha robh iad cho fada air thoiseach air a' chòrr is nach gabhadh a' chùis a dhèanamh orra, is chaill iad gu dearbh ann an Cupa MhicThàmhais is Cupa MhicAmhlaidh.

Thog iad Cupa na Camanachd an uair sin ge-tà gun tadhal a chall san fharpais, a' chiad turas a thachair sin bho na "Invincibles" às an Fhùirneis ann an 1923.

Tha e coltach gu bheil am Bail' Ùr fhèin a-nise ag amas air an aon sheòrsa tiotail dhaibh fhèin.

"Seo pàirt den bheatha againn ann am Bail' Ùr an t-Slèibh, tha sinn a' fàs suas leis is chan eil spionnadh a dhìth oirnn idir," thuirt am manaidsear Pòl Iain Mac an Tòisich.

Tha coltas glè làidir orra a-rithist le feadhainn a bha thall is a chunnaic, leithid Tormod Caimbeul, Steafan Dòmhnallach, Jamie Robinson, Pòl MacArtair is Danny MacRath, anns gach roinn den sgioba.

Image copyright Neil G Paterson Photography
Image caption An tog Jamie Robinson Cupa na Camanachd a-rithist ann an 2014?

Leis gun do bhuannaich an dàrna sgioba an lìog acasan an-uiridh, tha e cuideachd follaiseach gu bheil doimhneachd air leth aig a' Bhail' Ùr.

Ma chrìochnaicheas sgioba os on cionn - rud a bhios glè dhoirbh - gheibh iad an lìog.

Bidh iad ag amas air Cupa na Camanachd agus an còrr a thogail cuideachd ach cha bhi sin cho furasta is sgiobaidhean eile comasach air ceann a' mhaide a chumail riutha anns na cupanan.

San dàrna àite san lìog an-uiridh bha Lòbhat,agus eadar sin agus Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh 'son a' chiad turais bho 1953, 's e bliadhna air leth a bh'ann dhaibhsan.

'S e an dùbhlan a th' ann dhan sgioba òg aca a-nise togail air sin agus farpais a dhèanamh 'son nan duaisean mòra eile.

Cha do chaill iad fhèin ach aon gheama san lìog an-uiridh nas motha, ach bha iad co-ionnan ann an ochd eile a-mach à 18.

Tha fios aca gum feum sin atharrachadh ma tha cothrom gu bhith aca am Bail' Ùr a leagail.

"Bha sinn co-ionnan anns na ciad ceithir geamaichean an-uiridh, agus an dà gheama mu dheireadh," thuirt am manaidsear, Ailean MacRath.

"B'fheàrr leinn geamaichean mar sin a bhuannachadh agus tha mi an dòchas gum bi beagan a bharrachd misneachd aig na balaich às dèidh dhaibh crìochnachadh san dàrna àite agus cupa mòr a bhuannachadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gun urrainn dhuinn an tuilleadh adhartais a dhèanamh," thuirt e.

Bidh iad feumach air a' mhisneachd sin agus spionnadh na h-òigridh anns na mìosan ri thighinn ma tha iad gus sreap seachad air a' Bhail' Ùr.

Chuir Inbhir Aora iongnadh air mòran an-uiridh nuair a chrìochnaich iad san treas àite, ged a bha beachd ann ro-làimh gun robh iad a' fàs ro shean mar sgioba.

Bha lùths gu leòr ann an casan nan laoch ge-tà, agus 's e deugaire, Lewis MacNeacail, a chuir barrachd thadhal dhaibh na duine eile an-uiridh.

Tha iad dòchasach mun t-seusan ùr is dithis a tha glè chudromach dhaibh agus a bha air an goirteachadh cuibhreann mhath den t-seusan a chaidh, Dàibhidh Robasdan is Christopher Crawford, a-nise slàn falainn a-rithist.

"Chan eil cuimhne agam air seusan mar sin a-riamh a thaobh cuid a bhith air an goirteachadh," thuirt Dàibhidh Mac a' Phearsain a bhios a' cluich do dh'Inbhir Aora.

"Tha sinn daonnan ag obair le sguad beag ach bha uallach mòr air an-uiridh is tha sinn an dòchas gu bheil sin air ar cùlaibh a-niste," thuirt e.

Rinn Peadar Mac an t-Saoir feum mòr às dèidh dha gluasad bho Chill Mhàillidh an-uiridh is bidh e a' cluich do dh'Inbhir Aora a-rithist am bliadhna.

Cuideachd aig an aghaidh bidh Grant Griffin, a tha air tilleadh dhachaigh às dèidh dà sheusan thall-thairis.

Image copyright SNS
Image caption Bidh farpais chruaidh aig deas a-rithist eadar Caol Bhòid is Inbhir Aora.

Bidh Inbhir Aora toilichte leis an àite sa Phrìomh Lìog a chumail, ach bidh iad cuideachd ag amas air na cupanan is iad air call ris an nàbaidhean Caol Bhòid anns gach cupa an-uiridh, ann an trì gheamaichean faisg.

'S e na cupanan sin a shàbhail seusan Chaoil Bhòid an-uiridh.

Le cluicheadairean cudromach tric air an goirteachadh, cha do rinn sgioba Thaigh na Bruaich faisg air cho math 's a bha dùil san lìog, ged a dh'èirich iad dhan cheathramh àite air a' cheann thall.

Thog iad ge-tà, an Cupa Ceilteach, air slaicean-peanais an aghaidh Inbhir Aora, mus do rinn iad a' chùis air Bail' Ùr an t-Slèibh 4-3 gus Cupa MhicAmhlaidh a ghlèidheadh.

Bha bristeadh dùil mòr aca ann an cuairt dheireannaich Chupa na Camanachd fhèin, is iad a' call 3-0 ris a' Bhail' Ùr.

Tha coltas làidir air an sguad am bliadhna is a h-uile duine fut aig an ìre seo.

Bidh iad às aonais Dunkie Kerr tràth san t-seusan air sgàth uallach teaghlaich.

Tha fìor dheagh naidheachd aca le Coinneach Dòmhnallach air dearbhadh gun cluich e co-dhiù seusan eile eadar na puist.

Bha fathanan aig deireadh an t-seusain a chaidh gun robh an Dòmhnallach, a bhuannaich Cupa na Camanachd còmhla ris a mhac Ruairidh ann an 2012 aig aois 50, gus sguir a chluich, ach nì e oidhirp eile air a' Phrìomh Lìog, an aon duais nach do bhuannaich e.

Le toiseach-tòiseachaidh mhath san lìog tha e comasach do Chaol Bhòid ceann a' mhaide a chumail ris a' Bhail' Ùr is Lòbhat, ach bidh e a' crochadh air cho tric 's as urrainn dhaibh an sgioba as fheàrr aca a chur air a' phàirc.

"Bha sinn mar as trice às aonais co-dhiù dithis nuair a bha sinn air falbh an-uiridh, is b'fheàrr leinn an sgioba as làidire a th' againn a chur air a' phàirc nas trice am bliadhna," thuirt rùnaire na sgioba, Mick Atkinson.

'S neònach mura bi iad am measg nan cuairtean deireannach tron t-seusan cuideachd.

Chrìochnaich Ceann a' Ghiuthsaich 2013 sa chòigeamh àite san lìog is gun fiù 's cuairt dheireannach a ruighinn.

Tha na làithean buidhe nuair a bhuannaich an cluba cha-mhòr a h-uile duais a bha a' dol gu follaiseach air an cùlaibh. 'S ann a' feuchainn ri ginealach ùr a thoirt air adhart a tha iad a-nise.

"Tha tòrr bhalach a' tighinn a-steach agus tha eagal orm, turas no dha anns na bliadhnaichean a chaidh, gun robh againn ris an cluich beagan ro thràth no cus dhiubh aig an aon àm," thuirt co-mhanaidsear Chinn a' Ghiuthsaich, Russell Jones.

"Tha iad bliadhna nas sine is nas làidire a-nise ge-tà, agus tha sinn dòchasach gun dèan sinn gu math am bliadhna," thuirt e.

Thuirt Jones gu bheil e den bheachd gun urrainn dhaibh a' chùis a dhèanamh air gach sgioba eile san lìog, ach tha dùil aige gum bi an fharpais gu math teann.

Image copyright SNS
Image caption Tha Ceann a' Ghiuthsaich a' feuchainn ri sgioba ùr a chruthachadh agus an tuilleadh chupanan a thoirt air ais dhan bhaile.

"Thug sinn sùil air na geamaichean nuair a nochd iad is bha sinn ag ràdh gun urrainn dhuinn tòrr gheamaichean a bhuannachadh, ach bidh na sgiobaidhean eile a' coimhead air gnothaichean san dearbh dhòigh.

"Bidh e glè dhoirbh is chan eil duine 'son a dhol sìos oir tha coltas glè chruaidh air Lìog Nàiseanta 1 cuideachd," thuirt e.

Ma 's e is gun urrainn do Cheann a' Ghiuthsaich fuireach suas is deagh oidhirp a dhèanamh air na cupanan - agus bliadhna eile de dh'eòlas a thoirt dhan òigridh - 's e seusan math a bhiodh ann dhaibh.

Abair gun robh seusan de dhà leth aig Loch Abar ann an 2013.

Cha do bhuannaich iad gin de na ciad naoi geamaichean aca san lìog is a h-uile coltas ann gun rachadh iad air ais sìos.

Thàinig spionnadh mìorbhaileach annta san Òg-Mhìos ge-tà, às dèidh do Raibeart MacIain a dhol na mhanaidsear, an treas duine a bha san obair bho thòiseach an t-seusain.

Fo stiùir MhicIain chaill iad dìreach aon gheama eile is dh'èirich iad dhan t-siathamh àite air a' cheann thall.

'S beag an t-iognadh gu bheil cathraiche a' chluba, Dàibhidh MacPhàrlain, ag ràdh gur e faochadh a th' ann gun do dh'aontaich MacIain fuireach san dreuchd.

Dh'aidich MacPhàrlain gum biodh Loch Abar sàsaichte air a' cheann thall leis an àite aca san lìog a ghlèidheadh, ach thuirt e gum bi iad ag amas nas àirde na sin.

Image copyright Neil G Paterson Photography
Image caption Tha an dà chuid Loch Abar is Gleann Urchadain an dùil gun urrainn dhaibh soirbheachadh am bliadhna.

"Feuchaidh sinn ris an lìog a bhuannachadh - feumaidh tu a bhith ag amas cho àrd 's as urrainn dhut.

"Cha do rinn sinn cho math anns na cupanan an-uiridh is bidh sinn a' feuchainn ri sin a chur ceart cuideachd am bliadhna," thuirt e.

Dòchas gu leòr ann an Drochaid an Aonachain ma-tha, agus leis an aon sguad a rinn cho math san dàrna leth den t-seusan a chaidh, cò aig a tha fios nach gabh Loch Abar ceum eile air adhart anns na mìosan ri thighinn.

Tha sgioba-choidsidh ùr aig Gleann Urchadain is iad ag amas air crìochnachadh nas àirde na an t-seachdamh àite a bh' aca an-uiridh.

A' tilleadh dhan stiùir gus àite Drew MhicNèill a ghabhail sa Ghleann tha Billy MacIllEathainn agus Dàibhidh Menzies.

Rinn iad an obair seo roimhe is tha iad dòchasach gun urrainn dhaibh an sgioba a thogail suas an lìog ann an 2014.

Tha dùil aig MacIllEathainn ri seusan cruaidh is e ag ràdh gum feum sgioba a' Ghlinne trèanadh gu dìcheallach ma tha iad gus soirbheachadh.

"Dh'fhaodadh sinn Cupa na Camanachd a bhuannachadh - ach mura a h-eil sinn a' trèanadh gu cruaidh agus a' cur na sgioba as fheàrr air a' phàirc - dh'fhaodadh sinn a dhol sìos bhon Phrìomh Lìog," thuirt e.

Tha an sgioba air Liam Girvan a chall is e air tilleadh gu Inbhir Nis, ach tha Mìcheal Brady air tighinn à Gleann Garradh is Raymond Robasdan à Both Fhleisginn. Tha MacIllEathainn an dòchas gun dèan an dithis a tha sin oidhirp air briseadh a-steach dhan chiad sgioba.

Bhuannaich an Gleann Cupa MhicAmhlaidh ann an 2012 is chaill iad air slaicean-peanais ri Lòbhat sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais an-uiridh.

"Tha Bail' Ùr an t-Slèibh is Lòbhat beagan air thoiseach air a' chòrr ach chan e beàrn mhòr a th' ann," arsa MacIllEathainn.

"Bidh e doirbh ach chanainn gu bheil deagh chothrom againn air cupa a bhuannachadh," thuirt e.

Cuideachd fo stiùir ùir ann an 2014 tha Ceann Loch Seile.

Dh'fhàg Johnston Gill dreuchd a' mhanaidseir an-uiridh is e air obair ionmhalta a dhèanamh gus an cluba a thoirt suas agus a stèidheachadh sa Phrìomh Lìog.

Bidh e an urra ri Cailean Friseal an obair a tha sin a chumail a' dol is e air gluasad suas à dreuchd a' mhanaidseir leis an darna sgioba.

Bha an t-ochdamh àite math gu leòr dhan chluba ann an 2012 is 2013 ach tha Friseal mothachail nach dèan e a' chùis am bliadhna.

"Tha fios aig na balaich fhèin ma nì iad mar a rinn iad an-uiridh nach bi e math gu leòr - tha e anns na làmhan aca fhèin," thuirt Friseal.

Image copyright Other
Image caption Tha fios aig Ceann Loch Seile gum feum iad crìochnachadh nas àirde na an t-ochdamh àite an turas seo.

Tha feadhainn le eòlas gu leòr a' tilleadh dhan chluba, leithid Crìsdean MacRath is Neil Friseal.

Bidh iad às aonais Chè MhicRath tràth san t-seusan is e dìreach air a dhol fo lannsa ach tha iad an dùil is an dòchas nach bi e a-mach cus ro fhada.

Chaidh Gordie Dòmhnallach, fear a chuir an t-uabhas de thadail an-uiridh, fo obair-lannsa thairis air a' gheamhraidh cuideachd, ach bu chòir gum bi e deiseil 'son toiseach an t-seusain.

"Bidh a h-uile sgioba a' toirt sùil air an cùlaibh am bliadhna le dìreach ochd sgiobaidhean agus ma 's urrainn dhuinn fuireach an-àirde, bidh sinn tuilleadh is toilichte," thuirt Cailean Friseal.

Sin staid nan sgiobaidhean sa Phrìomh Lìog ma-tha, is a h-uile sian deiseil cha-mhòr 'son toiseach an t-seusain Disathairne an 1mh den Mhàrt.

Ron a sin, gheibhear fiosrachadh mìonaideach air an t-seusan ùr aig gach ìre, agus beachdan air structar ùr nam farpais, air Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal agus air An Là air BBC ALBA tron t-seachdain bho Dhiluain 24mh an Gearran.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile