Deasbad an airgid a' leantainn

Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond Image copyright Reuters
Image caption Tha Mgr Salmond a' cumail a-mach gu bheil briathran Mhgr Osborne a' dìoladh air an iomairt Nas Fheàrr Còmhla.

Tha dùil gum bi an deasbad mun airgead a' chleachdas Alba neo-eisimeileach aig mullach a' chlàr-gnothaich a-rithist Diluain.

Bheir Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, òraid seachad ann an Obar Dheathain do luchd-gnothachais bhon bhuidheann Business for Scotland, a tha a' cur taic ri neo-eisimeileachd.

Tha dùil gun toir Mgr Salmond argamaidean an t-Seansalair an aghaidh an not a bhith ga cleachdadh ann an Alba neo-eisimeileach às a' chèile loidhne thar loidhne.

Thuirt an Seansalair an t-seachdain seo chaidh gum bi sluagh na h-Alba a' cur cùl ris an not ma bhòtas iad airson neo-eisimileachd.

Tha Mgr Salmond a' cumail a-mach gu bheil briathran Mhgr Osborne a' tighinn "gun cus smaointinn air an cùlaibh" agus a' dìoladh air an iomairt Nas Fheàrr Còmhla.

Barroso

Is coltach gun tèid Mgr Salmond a cheasnachadh cuideachd mu Cheann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jose Manuel Barroso, a thuirt gum feum Alba neo-eisimeileach ballrachd iarraidh às ùr anns an EU.

Tha dùil gun dèan Mgr Salmond càineadh na òraid air a' bheachd a thug an Seansalair dhan fhollais air an t-seachain seo chaidh, nach tèid an còrr den Rìoghachd Aonaichte an sàs ann an aonta-airgid le Alba neo-eisimeileach.

Tha Mgr Salmond air fàgail air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad ri bhith ri nàdar de bhurraidheachd.

Tha e air sgrìobhadh a dh'ionnsaigh a' Phrìomhaire, ag ràdh gu bheil an dà chuid an dòigh bruidhinn agus na beachdan a th' air nochdadh bhon riaghaltas aige o chionn ghoirid an aghaidh Aonta Dhùn Èideann.

Cron

Canaidh Mgr Salmond gun robh òraid Mhgr Osborne air cron a dhèanamh air an iomairt airson an Aonaidh a chumail còmhla.

Image copyright Getty Images
Image caption Tha Mgr Salmond air a ràdh, a-rithist, gu bheil an not le Alba chun aon ìre 's a tha i leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Aig a' cheart àm, tha a' bhuidheann Nas Fheàrr Còmhla a' cumail ìmpidh air a' Phrìomh Mhinistear gus innse dè am plana a th' aig Riaghaltas na h-Alba às aonais aonadh-airgid leis an còrr den Rìoghachd Aonaichte.

Ach tha Mgr Salmond air a ràdh, a-rithist, gu bheil an not le Alba a cheart cho math ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jose Manuel Barroso, 's esan a' dol an sàs anns an deasbad Là na Sàbaid, gum biodh e cha-mhòr do-dhèante do dh'Alba neo-eisimeileach ballrachd fhaiginn san EU, 's gum feumadh i tagradh a dhèanamh mar stàit ùr.

Tha luchd-taic an Aonaidh ag ràdh gu bheil seo a' dearbhadh na tha iadsan air a bhith a' cumail a-mach bho thùs - gum biodh e doirbh, agus gun toireadh e ùine do dh'Alba neo-eisimeileach ballrachd fhaiginn san EU.

Tha Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, air beachdan Mhgr Barroso a chàineadh, 's e ag ràdh gu bheil ballrachd air a bhith aig Alba sa bhuidheann airson 40 bliadhna agus nach urrainnear coimeas a dhèanamh eadar leithid Kosovo, a tha a' dèanamh tagradh às ùr, agus Alba a th' air a bhith anns a' bhuidheann fad iomadach bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile