Buidhnean coimhearsnachd a' faighinn maoineachaidh

Drochaid a' Bhanna Image copyright Donald Bain/Geograph
Image caption Tha Stòras Fearainn na h-Alba air a mhaoineachadh leis an Riaghaltas Albannach.

Tha buidheann coimhearsnachd anns an t-Srath Ghlas ann an Siorrachd Inbhir Nis an impis smachd a ghabhail air coille san sgìre às dèidh dhaibh grant de £221,000 fhaighinn bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Tha Coille Coimhearsnachd Àigeis am measg trì buidhnean air a' Ghàidhealtachd a gheibh airgead bhon stòras.

'S ann bho chionn còig bliadhna a thòisich Coille Coimhearsnachd Àigeis air iomairt gus a' choille fhaighinn fo smachd na coimhearsnachd.

Leis a' mhaoineachadh a fhuair iad, ceannaichaidh iad a-niste pàirt de Choille Àigeis agus gabhaidh iad an còrr den choille choimearsalta air màl.

Tha iad airson a' choille a leasachadh gus buannachdan eaconamach agus sòisealta a chruthachadh dhan sgìre.

Chan iad muinntir an t-Srath Ghlais a-mhàin a gheibh maoineachadh, agus Urras Leasachaidh Chaolas Chataibh a' faighinn £144,512 airson Oifis a' Phuist ann an Drochaid a' Bhanna a cheannach gus an t-seirbhis a chumail a dol.

Gheibh cuideachd Companaidh Coimhearsnachd Ghlinn Mhoireasdain an Iar £95,360 bhon stòras gus seann Bhun-Sgoil ann an Dail Chreachaird a leasachadh gu bhith na h-ionad coimhearsnachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile