Dara soitheach air bualadh an cidhe Steòrnabhaigh

Air fhoillseachadh

Tha bàt'-aiseig air bualadh ann an cidhe Steòrnabhaigh, dìreach seachdainnean às dèidh do shoitheach bathair bualadh ann.

Chaidh an MV Clipper Ranger, a bhios a' giùlain bathair eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, a thoirt far na seirbheis an dèidh tachartais na mìos a chaidh seachad.

Feumar a-nis obair-càraidh a dhèanamh air an t-soitheach a thàinig a-steach na h-àite, an MV Hebridean Isles.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheilear an dùil gum bi an MV Hebridean Isles air ais a' seòladh Diciadain.

Chaidh an Clipper Ranger a thoirt gu doc tioram airson obair-càraidh a dhèanamh air a slige.

Bha 19 duine de chriutha is deichnear luchd-siubhail air bòrd aig an àm, agus cha deach duine a leòn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh