Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

BAE

Dh'innis a' chompanaidh BAE gu bheil iad am beachd £200m a chosg air leasachadh air Abhainn Chluaidh. Tha e coltach gur e seo pàirt de phlana na companaidh airson an ath-shreath de bhàtaichean cogaidh dhan Chabhlach Rìoghail a thogail aig Gàradh Scotstoun. Cha bhi co-dhùnadh ann air càite an tèid na Type 26 Frigates a thogail gu an dèidh an referendum air neo-eisimeileachd.

Tuiltean Shasainn

Bheir Ministear nan Coimhearsnachdan ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Eric Pickles, fios do Bhuill-Phàrlamaid an-diugh mun èiginn le tuiltean ann an ceann an iar-dheas Shasainn, far a bheil dùil ri tuilleadh uisge trom an-diugh. Bidh Mgr Pickles anns a' chathair cuideachd air comataidh èiginn an Riaghaltais, Cobra.

Co-dhearbhadh

Thuirt Comataidh a' Cheartais ann am Pàrlamaid na h-Alba nach do rinn Riaghaltas na h-Alba argamaid làidir gu leòr airson cur às do Cho-dhearbhadh (Corroboration) ann an cùisean eucorra, agus gum bu chòir dhaibh dìochuimhneachadh mun phlana sin. Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, ge-tà, gu bheil esan fhathast airson cur às dhan earrann sin den lagh. Ach tha e air am Morair Bonomy, a bha na bhritheamh, fhastadh airson sùil a thoirt air dè bu chòir a bhith san lagh an àite Co-dhearbhaidh airson dìon a chur air daoine bho dhìteadh ceàrr.

Cùram san Dachaigh

Tha Buidheann-sgrùdaidh na h-Alba, ann an aithisg ùr, ag ràdh nach tàinig cus feum à poileasaidh a chuir Riaghaltas na h-Alba air bhonn bho chionn dà bhliadhna, airson cùram a thoirt do sheann daoine nan dachaigh seach anns na h-ospadail. Ged a chuir an Riaghltas £300m ris a' phoileasaidh tha an aithisg ag ràdh nach tàinig mòran às. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Ailig Neill, gu bheil esan an dòchas adhartas fhaicinn nuair a thèid bile ùr a stèidheachadh airson seirbheisean cùraim inbheach, slàinte, agus sòisealta a chur còmhla.

Ìre an Rèidh

Tha dùil gum fàg Banca Shasainn an riadh aig an aon ìre an-diugh, 0.5%, a' comharrachadh fad còig bliadhna aig an ìre as lugha riamh. Ged a tha ìre a' chion-chosnaidh air tuiteam gu 7.1%, beagan os cionn an 7% far a bheil e mar phoileasaidh aig a' bhanca riadh a chur suas, tha e coltach gu bheil Riaghladair a' bhanca, Mark Carney, den bheachd gu bheil ath-bheothachadh na h-eaconamaidh beagan mhìosan goirid fhathast air ìre far an cuireadh iad an riadh suas.

RET

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh soilleireachaidh bho Mhinistear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, a thuirt a' bhòn-dè nach biodh faraidhean RET air bathair dha na h-Eileanan fo riaghaltas SNP ann an Alba neo-eisimeileach. Chaidh RET a thoirt far làraidhean gu ruige nan Eileanan an Iar, Cholla agus Thiriodh, ann an 2011.

MV Loch Seaforth

Tha dragh air buill air Comhairle nan Eilean Siar nach eil fios fhathast dè an dreach a bhios air clàr-ama na seirbheis aiseig eadar Steòrnabhagh agus Ulapul nuair a thòisicheas am bàta ùr an Loch Seaforth am bliadhna. Thuirt comhairlichean nach eil fhios aca dè cho tric 's a bhios i a' seòladh, agus nach eil Cal Mac deònach coinneachadh riutha. Tha iad ag iarraidh air Ball nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, coinneamh a chur air dòigh le Cal Mac, CMAL, agus Ministear na Còmhdhail.