Mì-thoileachas mu sheirbheisean adhair

Plèana Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thuirt an Comhairliche nàiseantach, John A. MacÌomhair, gum bu chòir coimhead air dòighean airgead fhaighinn airson seirbheis Bharraigh a thilleadh.

Dhiùlt buill Chomhairle nan Eilean Siar coimhead air seirbheisean-adhair a stèidheachadh eadar Barraigh agus Beinn nam Fadhla.

Tha comataidh na còmhdhail deònach ge-tà, sùil às ùr a thoirt air seirbheisean eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh, feuch an gabh seirbheis nas trice fhaighinn.

Bhòt comhairlichean air a' chùis Diciadain, às dèidh do dhraghan nochdadh mun bhuaidh a bh' aig na gearraidhean air coimhearsnachdan nan eilean, gu h-àraidh air seirbheisean slàinte.

Thuirt an Comhairliche nàiseantach, John A. MacÌomhair, gum bu chòir coimhead air dòighean airgead fhaighinn airson seirbheis Bharraigh a thilleadh.

Tha Mgr MacÌomhair mì-thoilichte nach deach amasan na Comhairle bhon t-Samhain an-uiridh a choileanadh. Chaidh a ràdh gun tigeadh aithisg chun na comataidh a' sealltainn dhòighean san gabhadh maoineachadh fhaighinn airson beachdachadh air na seirbheisean-adhair air fad.

Gearain

Dh'innis e gu bheil daoine air a bhith a' gearain mu na gearraidhean, ach gum feumar a bhith a' gearain dha na h-àiteachan ceart.

"Feumaidh iad bruidhinn ri na seirbheisean-adhair, ri comhairlichean, no comhairlean fhèin, no ris a' Bhòrd Shlàinte," thuirt e.

Bha e na thàmailt do Mhgr MacÌomhair gun do dhiùlt am Bòrd Slàinte, gu ruige seo, a thighinn a bhruidhinn ri comhairlichean mun chùis.

"Feumaidh daoine a bhith ag obair còmhla airson maith an t-sluaigh," thuirt e.

Bha e toilichte ge-tà, gun robhas a' beachdachadh air seirbheis nas fheàrr a stèidheachadh eadar Barraigh agus Glaschu.

Strì

Thuirt e gum feumar cumail a' strì gun fhios nach tig an là nuair a bhios airgead ann airson barrachd sheirbheisean a thilleadh, no a leudachadh.

A rèir a' Chomhairliche Uibhistich, Raghnall MacFhionghain, tha an gearradh san t-seirbheis-adhair eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh gu trì là san t-seachdain a' fàgail na seirbheis slàinte a thathar a' tabhann do mhuinntir Uibhist air dheireadh air na th' aig muinntir Bharraigh.

Ged a chaidh aontachadh sùil eile a thoirt air seirbheis Beinn nam Fadhla gu Steòrnabhagh, thathar ga cumail mar a tha i an-dràsta.

Cha robh Mgr MacFhionghain idir toilichte leis an aithisg, 's e a' coimhead coltach, na bheachd-san, gun d' fhuair Steòrnabhagh buannachd a-mach às na chaill muinntir Uibhist.

Image caption Tha draghan air nochdadh mun bhuaidh a bh' aig na gearraidhean air coimhearsnachdan nan eilean, gu h-àraidh air seirbheisean slàinte.

Ged nach eil am Bòrd Slàinte den bheachd gu bheil na gearraidhean a' toirt buaidh air an t-seirbheis slàinte a tha daoine a' faighinn, chan eil Mgr MacFhionghain idir ag aontachadh.

"Tha gearainean air a dhol a-staigh mar-thà, tha fios agam le cinnt.

"'S e na seann daoine mar as trice a tha bochd agus nuair a gheibh iad dhachaigh, an rud mu dheireadh a tha iad ag iarraidh, 's e tòiseachadh a' sgrìobhadh," thuirt e.

On chaidh seirbheisean a ghearradh, ma dh'fheumas euslainteach a dhol a dh'Inbhir Nis, tha cosgaisean mòra an lùib a bhith a' fuireach air falbh bho Dhiardaoin gu Dimàirt.

Ann am beachd Mhgr MhicFhionghain: "Nam biodh Bòrd na Slàinte a' cur na cosgais sin a-staigh leis an itealan, bhiodh an t-seirbheis againn còig là san t-seachain."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile