Rabhadh oifigeil don chompanaidh dealain SSE

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, PA
fo-thiotal an deilbhThathas den bheachd gur e uidheamachd ùr a chuireadh an sàs ri linn na loidhne-dealain eadar a' Mhanachainn agus Denny.

Chaidh rabhadh oifigeil a thoirt don chompanaidh dealain SSE gum feum iad stad a chur air crònanaich a tha a' tighinn à fo-stèisean dealain anns a' Mhanachainn.

Tha cuid san sgìre air gearain mun fhuaim a tha an t-ionad a' dèanamh.

Thug oifigich slàinte àrainneachail Chomhairle na Gàidhealtachd rabhadh oifigeil do SSE, gum feum iad stad a chur air an fhuaim.

Crònan

Is coltach gu bheil crònain ìosal a' sìor-thighinn às an fho-stèisean dealain, aig Baile a' Bhlàir an Iar, faisg air a' Mhanachainn.

Thathas den bheachd gur e uidheamachd ùr a chuireadh an sàs ri linn na loidhne-dealain eadar a' Mhanachainn agus Denny.

Thuirt labhraiche bho SSE, gun robh iad a' dèiligeadh ris a' chùis, ach gun robh e na bhriseadh dùil dhaibh gun do ghabh a' Chomhairle na ceumannan seo.

Thuirt i cuideachd gur e gnothach teicnigeach gu math toinnte a bh' ann, ach gun robh prògram ùr air a chur an sàs, a bu chòir a chur ceart.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh